Samhradh trang aig Fèis Chataibh

Le còrr is 60 neach clàraichte mar-thà tha Fèis Chataibh trang a’ dèanamh deiseil airson a’ phrìomh tachartais aca a thèid a chumail ann an Goillspidh bhon 3mh – 7mh den Iuchar 2017.

Tha Fèis Chataibh air fèis a chumail gach samhradh fad còrr is 25 bliadhna le taghadh farsaing de bhùthan-obrach ann an ceòl traidiseanta, ealain agus dràma air a thairgse do dh’òigridh Chataibh.

Am bliadhna mar as àbhaist tha pailteas a’ dol agus tha an fhèis toilichte fàilte a chur air sàr sgioba de luchd-teagaisg a bhios a’ lìbhrigeadh bhùthan-obrach anns na leanas: fidheall, bogsa-ciùil, giotàr, clàrsach, meurchlàr, feadan is a’ phìob, fìdeag, òrain Ghàidhlig, drumaireachd, mandolin, ealain is sgeulachdan, obair-còmhlain agus dràma.

’S ann do dh’òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’aois a tha an tachartas seo freagarrach le clasaichean gan tairgse aig a h-uile ìre comais. Gheibh compàirtichean air trì cuspairean a thaghadh agus cosgaidh gach àite £90, le lùghdachaidhean a bharrachd ann far a bheil còrr is aon phàiste bhon aon teaghlach an làthair. Thèid àiteachan a thoirt seachad a-rèir òrdugh iarrtasan agus thathar a’ brosnachadh dhaoine aig a bheil ùidh san tachartas foirm-clàraidh a chur a-steach agus àite a ghleidheadh cho luath ’s a ghabhas.

Bidh tòrr a’ dol air an fheasgar cuideachd le consartan is cèilidhean, spòrs, fiolm agus tachartasan eile. Thèid an fhèis a thoirt gu ceann le consart agus crannchur mhòr air oidhche h-Aoine far am faigh compàirtichean an cothrom a ghabhail ris an àrd-ùrlair is na sgilean ùra aca a thaisbeanadh.

Gheibhear fiosrachadh slàn agus foirmichean-clàraidh aig www.tinyurl.com/fcsw2017 no faodar fios a chur air ionmhasair na fèise Debbie Celli air feischataibh@yahoo.co.uk.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council