Fionn-sgeòil aig cridhe Sgoil Shamhraidh Dràma 2017

Bha ceala-deug de dhràma freumhaichte ann am fionn-sgeòil na thlachd do chom-pàirtichean Sgoil Shamhraidh Dràma na bliadhnasa, a ghabh àite ann am am Port Rìgh eadar 3-15 den Iuchair.

Tha an sgoil-chòmhnaidh, maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Comhairle na Gàidhealtachd, ag amas air daoine òga a tha fileanta sa Ghàidhlig aois 13-18.

Bha sgioba tàlantach de luchd-oide le Gàidhlig aig na 14 com-pàirtichean, a bh’air an stiùireadh le Daibhidh Walker, a tha aithnichte mar chleasaiche air an àrd-ùrlar agus san t-sreath dràma Bannan a th’air BBC Alba.

Chaidh bùthan-obrach le eòlaichean ann sgrìobhadh cruthachail agus pupaidearachd a lìbhreagadh le Catrìona Lexy Chaimbeul bho Theatre Gu Leòr agus Gavin Glover a tha na phupaidear stèidhte ann an Glaschu le PotatoRoom Productions.

Thuirt Aonghas MacLeòid, Oifigear Dhràma Fhèisean nan Gàidheal a cho-òrdanaich a’ phròiseict:

“B’iad fionn-sgeòil ‘s geasalanachdan a bhrosnaich na beachdan a bh’aca airson an taibeanaidh am bliadhna a chaidh a leasachadh ‘s sgrìobhadh rè na ceala-deug. B’ e ‘Seanchas’ tiotal an taisbeanaidh ‘s dh’obraich na com-pàirtichean ‘s oidean gu math cruaidh ga deasachadh. Chaidh a thaisbeanadh sa Phloc mar phàirt de Chèilidh Teaghlaich a bh’aig Fèis Alba air Diardaoin 13 den Iuchair agus an ath-oidhche aig Talla Chille Mhoire.

Anns na taisbenaidhean poblach seo chaidh ath-innse a dhèanamh air an fhionn-sgeul MacCodruim nan Ròn, chaidh a’ bhàrdachd aig Anne Frater, Ar Cànan ‘s ar Clò a bheòthachadh airson an àrd-ùrlair agus chunnacas tionndadh Gàidhlig de fèin-òraid bho A Midsummer Night’s Dream le Uilleam Shakespeare.

Lean Aonghas air: “ ‘S e prìomh bun-stèidh na Sgoile òigridh a mhisneachadh gu bhith cleachadh na Gaidhlig ann an co-theacsa dràma. Tha e toirt togail dhomhsa a bhith faicinn daoine òga le Gàidhlig a’ tighinn còmhla as gach ceàrnaidh den dùthaich ‘s tha an luach a tha iad a’ cur san Sgoil gu math follaiseach le grunn dhiubh sin air a thilleadh son an dàrna no an treas uair.”

A bharrachd air a bhith ag ullachadh pìosan dràma airson an àrd-ùrlair thug an fhilmeadair chliùiteach Dòmhnall Eòghainn MacFhionnghain taic dhaibh sgeul ùr mu thaibhse fhilmadh ‘s a ghearradh.  Thèid an fhilm a chur a-steach gu FilmG, co-fharpais nam filmaichean goirid aig MG Alba, a tha am bliadhnasa stèidhte air a chuspair ‘Firinn’.

Cinn latha SSD2018
Bidh Sgoil Shamhaidh Dràma 2018 a’ tilleadh a Phort Rìgh an ath bhliadhna ‘s i gabhail aite eadar 3 agus 14 den Iuchar.   Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu deidhinn agus foirm-iarrtais air loidhne air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/ssd

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council