Dràma air Chuairt

Tha leasachadh tàlant cleasaichean òga na Gàidhlig aig cridhe pròiseact ùr Fèisean nan Gàidheal ‘Dràma air Chuairt’ a tha a’ ruith airson a’ chiad uair am-bliadhna. Tha am pròiseact air an aon seòrsa stèidh ris na Cèilidhean air Chuairt a tha air a bhith cho soribheachail, ach le ceithir cleasaichean òga, an àite luchd-ciùil, a’ faighinn an cothrom raon farsaing de sgilean dràma ionnsachadh mus tèid iad air turas timcheall air a’ Ghàidhealtachd agus Earra Ghàidheal.

‘S iad na cleasaichean òga a ghlèidh àite air a’ phròiseact; Tormod MacLeòid, Josie Chaimbeul, Amina NicDhaibhidh agus Daibhidh MacCoinnich. Bidh an ceathrar seo a’ cur seachad cola-deug còmhla ann an Inbhir Nis ag ullachadh leis an stiùiriche Catrìona Leacsaidh Chaimbeul. Bidh iad trang ag obair air iomadh cuspair co-cheangailte ri cleasachd, a’ neartachadh nan sgìlean aca fhèin agus a’ dèanamh deiseil airson a dhol air chuairt le dealbh-chluich air a sgrìobhadh le Catrìona Leacsaidh fhèin.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein; “Tha sinn air leth toilichte Dràma air Chuairt a chur air bhonn am-bliadhna le taic shònraichte bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha sinn air a bhith an sàs ann an obair dràma tro na Fèisean, sgoiltean agus an Sgoil Shamhraidh Dràma airson iomadh bliadhna a-nis ‘s bha sinn a’ faicinn nach robh an uiread chothroman ann do chleasaichean òga na Gàidhlig an cuid sgilean a leasachadh agus a bhith cleasachd ann an dealbhan-cluiche air beulaibh dhaoine. Leis a’ phròiseact seo tha iad a’ faighinn cothrom sònraichte obair a dhèanamh le sàr bhana-chleasaiche agus sgrìobhadair. Tha sinn an dòchas gun toir seo misneachd dhaibh a dhol an sàs ann am barrachd dràma Ghàidhlig; as na coimhearsnachdan aca fhèin agus cuideachd a bhith cumail taic riutha ma tha iad airson a dhol air adhart a bhith nan cleasaichean proifeiseanta”.

Thuirt Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag, “Tha clìu agus ainm aig Fèisean nan Gàidheal mar buidheann àdhartach leis an obair a tha iad air a bhith a’ dèanamh thairis air na bliadhnaichean leis an òigridh agus airson Gàidhlig a’ bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba tro na diofair fèisean agus Fèis Bhlas. Tha eòlas math aig Fèisean nan Gàidheal cuideachd air leasachadh sgilean drama am measg òigridh agus tron phròiseact Dràma air Chuairt seo gheibh iad an cothrom ceangal a’ dhèanamh le luchd-proifeiseanta mar Catriona Leacsaidh Caimbeul agus am buidheann dràma Theatre Gu Leòr. A bharrachd air sgilean agus eòlas air dràma bheireadh am pròiseact seo brosnachadh air sgilean cànain an fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt agus tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic a’ chuir ris am pròiseact”

Dh’innis Catrìona Leacsaidh, stiùiriche agus sgrìobhadair ‘Clach na Nathrach’, barrachd mu na tha an sàs san trèanadh agus a bhith ag ullachadh airson an turais: “Tha mi cho toilichte bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal air an dealbh-chluich ùr seo, ‘Clach na Nathrach’. Tron phròiseact seo, tha na cleasaichean òg a’ faighinn deagh chothrom bhith a’ leasachadh na sgilean actaidh aca, ionnsachadh mar a bhios cuairt teàtar pròifeiseanta ag obair agus trèanadh fhaighinn ann a bhith lìbhrigeadh bùithean-obrach. Tha sinn cuideachd toilichte tabhachd àite air gach cleasaiche aig na bùithean-obrach CPD a bhios Theatre Gu Leòr a cumail mar phàirt dhen phròiseact againne, Cèilidh.”

Tha an dealbh-chluich èibhinn agus os-nàdarra, ag innse sgeulachd Choinnich a tha a-riamh air saoilsinn gum bu chòir dhan dà shealladh a bhith aige ach chan eil e a’ tighinn thuige. Nuair a tha e a’ lorg Clach na Nathrach, ge tà, tha e a’ faighinn cumhachd iongantach is soirbheachas air leth. Ach le sàr chumhachd, thig sàr thrioblaidean agus feumaidh Coinneach taghadh a dhèanamh eadar a chomasan ùr is gaol mòr a chridhe.

Às dèidh na h-ùine trènaidh is ullachaidh thèid an sgioba air turas le bùithtean-obrach agus taisbeanaidhean ‘Clach na Nathrach’ ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Àrd-sgoil an Òbain. Bidh dà thaisbeanadh poblach ann mar phairt den fhèis Blas Dicadain 6 Sultain aig 1f ann an Slèite aig Sabhal Mòr Ostaig agus Disathairne 9 Sultain aig 1f ann an Taigh-Òsta a’ Ghlinne Mhòir ann an Inbhir Nis.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact aig feisean.org/dac agus fiosrachadh mu na taisbeanaidhean poblach aig blas-festival.com no fonadh Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein air 01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council