Tha Taigh Dhonnchaidh a’ sireadh ur taic!

Tha Taigh Dhonnchaidh ag iarraidh ur bhòtan! Tha iad air a’ chuairt dheireannach de mhaoin M&S Energy a ruighinn agus tha cothrom aca £12,000 a bhuannachadh airson panailean-grèine a chur air mullach an togalaich, a bhiodh a’ lùghdachadh nan cosgaisean teasachd aca. Bidh comataidh Taigh Dhonnchaidh ag obair fad na bliadhna airson cothrom a thoirt do chloinn pàirt a ghabhail ann an cànan agus cultar na Gàidhlig ann an ceòl, seinn agus dannsa. Bidh Fèis Taigh Dhonnchaidh agus Fèis Nis a’ gabhail àite aig àm na Càisge agus bidh clasaichean leantainneach a’ dol tron bhliadhna, agus bidh cuirmean teaghlaich agus oidhcheannan fiolmaichean gan cumail cuideachd.

Cha bhi agaibh ach ris a’ cheangal gu h-ìosal a leantainn, brùthadh air ‘Vote’ agus ur seòladh post-d a chlàradh, agus sin e! Tha cothrom agaibh cuideachd beagan airgid a thabhann dhan phròiseact ach chan fheum sibh seo a dhèanamh idir. Mìle taing!

 

https://www.mandsenergyfund.com/projects/taigh-dhonnchaidh

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council