Cluinnidh riochdairean mu mheudachadh prògram nam Fèisean

Thèid Aithisg Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal fhoillseachadh aig coinneamh bhliadhnail na buidhne ann am Baile a’ Chaolais Dihaoine, a’ sealltainn gun do ràinig obair na buidhne air faisg air 71,000 neach ann an 2016-17.  A-rèir rannsachadh bhon Fhòram airson Ceòl Traidiseanta, tha Fèisean a’ toirt taic do chòrr is treas cuid den teagasg ann an ceòl traidiseanta airson òigridh ann an Alba air fad.

Na ro-ràdh san Aithisg Bhliadhnail thuirt Cathraiche Fèisean nan Gàidheal, Donnchadh MacGuaire MBE: “Tha an aithisg a’ dearbhadh gun deach ar prògram obrach airson na bliadhna, a chaidh aontachadh le Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig, a thoirt gu buil agus sinn a’ coileanadh obair nach beag is buadhmhor san ùine sin.  Bha sinn toilichte seirbheisean a lìbhrigeadh do Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus gun d’ fhuair sinn grunn chùmhnantan bho ùghdarrasan ionadail is buidhnean poblach eile, a chaidh a choileanadh tron t-seirbheis Fèisgoil againn.”

’S e prìomh amas Fèisean nan Gàidheal taic a chumail ris na Fèisean agus gun tig leasachadh is leudachadh orra.  Chuir am buidheann fàilte air Fèis ùr ann an Tairbeart Loch Fìne sa bhliadhna a dh’fhalbh, agus chùm Fèis an Iar-dheas a’ chiad tachartas aca ann an Dùn Phris.  Chaidh comataidh ùr a chur air chois airson Fèis Obar Dheathain, agus chùm iad na ciad thachartasan aca bho chionn 8 bliadhna.  Chomharraich Fèis Rois 30 bliadhna bho thòisich iad agus chomharraich Fèis a’ Bhaile an 25mh ceann-bliadhna acasan.  Chaidh obair a dhèanamh gus Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a thòiseachadh a-rithist.

A bharrachd air taic a thoirt do na Fèisean, tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an sàs ann an iomadh iomairt, nam measg tha an tachartas còmhnaidheach Gàidhlig, 5 Latha, a’ tort cothrom do dheugairean air taghadh farsaing de chur-seachadan is obair sa choimhearsnachd, agus seiseanan ciùil. Bidh ach nì air a dhèanamh tron Ghàidhlig fhad ‘s a bhios iad a’ fuireach ann an Taighean-dubha nan Gearrannan ann an Càrlabhagh.

Tha leudachadh mòr air tighinn, cuideachd, air an t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal sa bhliadhna a dh’fhalbh.  Chaidh clasaichean Blasad Gàidhlig a chur air chois, a tha a’ tabhann leasanan do sgoiltean far nach eil an cànan air a teagasg mu thràth, agus tha sin a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh amasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh 1+2 chànan.  Tha Fèisgoil a-nis a’ lìbhrigeadh teagasg Gàidhlig ann an grunn ùghdarrasan ionadail far a bheil an t-iarrtas airson nan clasaichean a’ sìor dhol am meud.  Mar thoradh air sin tha cothroman cosnaidh gan toirt do ghrunn oidean, agus an àireamh dhiubh a tha a dhìth a’ dol suas.

Mhìnich Ceannard na buidhne, Art MacCarmaig: “Tha a h-uile nì anns a bheil Fèisean nan Gàidheal an sàs stèidhichte air taic a chumail ris na Fèisean ionadail, cothoman a thoirt do dh’òigridh agus cothroman consaidh a chruthachadh do dh’oidean.  Air a’ bhliadhna a dh’fhalbh chùm sinn obair do cho-ionnan ri 97 neach làn thìde.  A bharrachd air sin thug sinn an cothrom do dh’iomadh neach òg bho na Fèisean an cuid sgilean a leasachadh tro Chèilidhean air Chuairt, obair dràma agus cothrom a bhith air an àrd-ùrlair aig Blas agus aig fèisean eile nàiseanta agus eadar-nàiseanta.  Tha sinn a’ cur ri foghlam Gàidhlig cuideachd tron obair a tha sinn a’ cur air adhart ann an sgoiltean agus le buidhnean ro-sgoile.  Le bhith a’ cosnadh cuibhreann math de ar teachd a-steach tro chùmhnantan a lìbhrigeadh, tha sinn comasach maoin a chumail ris na Fèisean ionadail.”

“Chuir sinn an t-seirbheis FèisTV againn air bhog sa Mhàrt 2017, a bhios a’ tabhann diofar chothroman do luchd-amhairc.  Mar phàirt den t-seirbheis bha sinn a’ craoladh dà chuirm aig Blas am-bliadhna.  Bidh barrachd ri thighinn bho Bhlas, na Fèisean agus na Cèilidhean air Chuairt.  Bidh Oide a’ tabhann leasanan ann an ceòl is seinn Ghàidhlig, air an lìbhrigeadh ann an Gàidhlig agus Beurla.”

Thuirt Donnchadh MacGuaire: “Ged a bhios dùbhlain romhainn ann an 2017-18, bidh cothroman ann cuideachd.  Leis gur i seo a’ bhliadhna mu dheireadh agamsa mar Chathraiche, bu thoigh leam an cothrom a ghabhail, às leth Bòrd Stiùiridh Fèisean nan Gàidheal, taing dha-rìribh a thoirt don luchd-obrach agus do luchd-eagrachaidh nam Fèisean.  Tha sinn cho fada nan comain airson na h-obrach cruaidhe a bhios iad a’ dèanamh agus an dìcheall a bhios a’ iad nochdadh san obair aca.  Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibhsan, agus do na Fèisean uile, sna bliadhnaichean ri thighinn.”

Bidh riochdairean bho na Fèisean air feadh Alba cruinn còmhla ann am Baile a’ Chaolais air an deireadh sheachdain airson Co-labhairt Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal.  Bidh an neach-ciùil agus craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a’ bruidhinn agus bidh ceòl is òrain ann cuideachd agus Fèis Lochabair a’ comharrachadh gu bheil i air a bhith a’ dol airson 25 bliadhna.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council