Ceòl, seinn is dràma san Dàmhair le Fèis a’ Bhaile

Tha Fèis a’ Bhaile a’ tairgse seachdain làn ciùil, seinn is dràma ann an Inbhir Nis san Dàmhair.

Bho Dhiluain 16mh gu Dihaoine 20mh den Dàmhair bidh an fhèis a’ tabhann bhùthan-obrach ann an iomadh chuspair, nam measg bogsa-ciùil, fidheall, giotàr, clàrsach, seinn sa Ghàidhlig, fìdeag, feadan is a’ phìob, drumaireachd agus dràma.

Tha an fhèis air sàr sgioba de luchd-oide a chur air dòigh a bheir taic agus teagasg phroifeasanta, èifeachdach seachad le fealla-dhà gu leòr na chois:

  • Fidheall – Lauren MacColl (Rant, Salt House) & Charlie Grey
  • Giotàr – Alasdair Taylor (Elephant Sessions)
  • Seinn sa Ghàidhlig – Carrie Afrin
  • Fìdeag – Brìghde Chaimbeul
  • Feadan is a’ Phìob – Ali Turner (Tidelines)
  • Drumaireachd pìoba – Billy MacGregor
  • Bogsa-ciùil – Stuart Mackintosh
  • Clàrsach – Sandra MacLeod
  • Meurchlàr – Jessica Bates
  • Dràma – Debbie MacKay (Bannan)

A bharrachd air na cuspairean seo gabhaidh an òigridh pàirt ann an seiseanan làitheil ann an ealain, iomain, obair-còmhlain air neo dannsa.

Cosgaidh an tachartas £85 le lùghdachaidhean a bharrachd far a bheil còrr is aon neach bhon aon teaghlach a’ gabhail pàirt san fhèis.

Tha an fhèis seo fosgailte do dh’iarrtasan, le fios agus foirmichean-clàraidh rim faotainn air loidhne aig www.feisabhaile.org, bho Rachel Chaimbeul air rmac_campbell@hotmail.com, air neo le bhith a’ bruthadh an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council