Am Prionnsa Bòidheach Fo Chasaid

Air a’ mhios seo tha sgoilearan bho bun-sgoiltean Gàidhlig air a bhith faighinn cothrom eòlas a chur air a’ Phrionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart agus aramach nan Seumasach tron phròiseact dràma as ùra aig Fèisean nan Gàidheal Teàrlach Fo Chasaid.

Tha am bùth-obrach eadar-obrachail, a tha ag amas air clasaichean eadar P4 agus P7, stèidhte ann an seòmar-cùirte le sgoilearean a’ riochdachadh diùraidh na cùirte.  Às dèidh dhaibh èisteachd ris a’ bhritheamh ‘s na th’aig ceithir luchd-fianais ri ràdh mun Phrionnsa thèid iarraidh air na sgoilearan tighinn gu cho-dhùnadh a thaobh ma tha no nach eil iad den bheachd gu bheil am Prionnsa Teàrlach na ghaisgeach.

Tha a h-uile caractar anns a’ bhùth-obrach air a chluich le dithis chleasaiche, Calum Dòmhnallach agus Ellen NicDhòmhnaill.

Tha an turas a tha a-nis san treas seachdain a’ tadhal air bun-sgoiltean air tìr mòr na Gàidhealtachd. Thathar an dùil an dàrna earrann den turas a chumail tràth ann an 2018 airson sgoiltean ann am Malaig, san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse agus sna h-Eileanan an Iar.

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Taigh Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh airson culaidhean a fhuaras air màl a th’air a chleachdadh anns a’ bhùth-obrach.

Chaidh Teàrlach Fo Chasaid a riochdachadh tro Meanbh-chuileag, an t-seirbheis theatar-oideachaidh aig Fèisean nan Gàidheal.  Chaidh a’ bhùth-obrach a riochachadh agus an turas a lìbhrigeadh le taic-airgid a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Teàrlach Fo Chasaid no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council