Dealbh-chluich Nollaig air an Rathad

Thòisich turas nàiseanta an t-seachdainsa leis an dealbh-chliuch Nollaig ùr Anna Bheag a’ Chòta Dheirg le Calum Dòmhnallach, MJ Deans agus Ellen NicDhòmhnaill a’ cleasachd ann.

‘S e seo an deicheamh bliadhna a’ riochdaich Fèisean nan Gaidheal dealbh-chluich Nollaig do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Am bliadhna mairidh an turas 15 latha eadar 27 Samhain agus 15 Dùbhlachd a bheireas cothrom do chorr is 2,500 sgoilear le Gàidhlig ga fhaicinn.

Mhìnich Aonghas MacLeòid, Oifgear Dràma Fhèisean nan Gàidheal:  “Bha e na bhriseadh-dùil do chuid de na sgoiltean an uiridh nach e robh e comasach dhuinn tadhal orra air sgàth bacaidhean siubhail. Am bliadhna tha sinn air taic fhaotainn bho Hebridean Air Services gus cothrom a thoirt do na cleasaichean siubhail a Ìle ‘s Tiriodh air Dihaoine 1 Dùbhlachd gus dèanamh cinnteach gum faigh an àireamh as àirde de sgoiltean a tha tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig cothrom ga fhaicinn.”

Tha turas na bliadhna sa a gabhail a-steach 4 làithean anns na h-Eileanan an Iar a’ tòiseachadh ann am Barraigh air an 4mh latha den Dùbhlachd. Rè an turais thathar an duil gum faigh corr is 40 sgoil cothrom an dealbh-chluich fhaicinn agus, air feasgar Diardaoin an 14 den Dùbhlachd, thèid taisbeanadh poblach a chumail aig an Ironworks, Inbhir Nis aig 7.00f, le na dorsan a’ fosgladh aig 6.30f.

Chaidh an dealbh-chluich, a bh’air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal.  Dhealbhaich Coinneach MacLeòid dreach na stèidse agus dhealbhaich Laura Cowie na culaidhean.  Bha Eilidh NicCoinnich na stiùiriche chiùil.

Thuirt Aonghas MacLeòid: “Tha an dealbh-chluich a’ cur ris an sgeulachd thraidiseanta Nighean Bheag a’ Chòta Dheirg .  Tha tàlant mòr aig na cleasaichean agus tha na caractaran a th’aca ag innse an sgeulachd ann an dòigh gu math èibhinn ‘s beòthail a ghlacas aire an luchd-amhairc.”

“Tha Anna Bheag agus a màthair, an nighean bheag on sgeul thraidiseanta, air oideachachadh fhaighinn ann an karate gus an dìon fhèin bho ionnsaighean madaidhean-allaidh sa choille sheunta.  Tha an sgioba fada an comain Dolina Ross, bho Karate Alba ann an Inbhir Nis, a thug sàr stiùireadh dhaibh.   Dh’obraich Dolina le na cleasaichean gus gluasadan karate a theagasg dhaibh a nochdas san dealbh-chluich.”

Dolina Ross bho Karate Alba leis an sgioba

 

Tha na trì cleasaichean ann an Anna Bheag a’ Chòta Dheirg uile air nochdadh ann an dealbhan-cluiche Nollaig Fhèisean nan Gàidheal.

Tha am madadh-allaidh air a chluich le Calum Dòmhnallach, a tha aithnichte mar phreasantair air a’ phrògram chloinne aig BBC Alba Dè a-nis?  An uiridh bha e a’ cleasachd anns The Cheviot, The Stag and the Black, Black Oil leis an Dundee Rep.  Tha dà charactar aig MJ Deans is i a’ nochdadh mar màthair Anna agus a sinn-seanmhair. Bho chionn ghoirid bha MJ air an rathad le turas a bh’aig Tèatar Nàisteanta na h-Alba is i na cleasaiche ann an Rocket Post.  ‘S e Anna Bheag an caractar aig Ellen NicDhòmhnaill, a tha aithniche mar sheinneadair anns na còmhlanan-ciùil Dàimh agus Sian.  Tha i cuideachd aithniche mar chleasaiche anns an t-sreath dràma aig BBC Alba Bannan . ‘S e seo an treas turas aice do dh’ Fhèisean nan Gàidheal am bliadhna; na bu thràithe sa bhliadhna bha i a’ cleasachd ann an Hùb Hàb, pròiseact teater airson clann sna tràth-bhliadhnaichean agus bha i cuideachd na cleasaiche cuide ri Calum ann an Teàrlach Fo Chasaid, pròiseact thèatar oideachaidh do sgoilearan bun-sgoile mun Phrionnsa Bhòidheach.

Tha an dealbh-chluich Nollaig air a’ lìbhrigadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun turas cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich no Aonghas MacLeòid air 01463 225559.

 

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council