Òigridh Fèis Phàislig air an Àrd-Àrlair le Rionnagan Ciùil na h-Alba

Tha Fèis Phàislig trang ag ullachadh airson cothrom-cluiche sònraichte Disathairne sa tighinn aig Na Trads 2017 ann am Pàislig.

The dùil ri oidhche làn thàlant air an 2na An Dùbhlachd aig Na Trads 2017 a tha a’ faighinn taic bho MG ALBA nuair a bhios aithne ga thoirt do rionnagan ciùil na h-Alba. Aig cuirm dhuaisean na bliadhna-sa, a thèid a cumail aig an Ionad Lagoon ann am Pàislig, bidh taghadh de chòmhlain-ciùil agus seinneadairean ainmeil a’ cluich, nam measg The Shee Big Band, Elephant Sessions, Siobhan Miller, Charlie Stewart a choisinn duais BBC Radio Alba airson neach-ciùil òga tràidiseanta na bliadhna 2017 – agus cuideachd còm-pàirtichean Fèis Phàislig!

Chaidh Fèis Phàislig a stèidheachadh airson cothroman ionnsachadh ann an ceòl traidiseanta a thoirt do mhuinntir a’ bhaile san sgìre timcheall. Tha i a-measg 47 Fèisean den an t-seòrsa air feadh Alba a bhios a’ toirt chothroman do mu 6,000 neach òga gach bliadhna. Le còmhlan de 40 còm-pàirtiche air an tarraing bhon iomadh cothrom oideachaidh aig Fèis Phàislig, bidh an àrd-ùrlar loma-làn le luchd-ciùil agus seinneadairean òga, uile a’ riochdachadh na fèise agus a’ toirt dhan luchd-amhairc taisbeanadh ceòlmhor agus blasad den phrògram trang a bhios Fèis Phàislig a’ lìbhrigeadh tron bhliadhna.

Thuirt cathraiche na Fèise, Grant MacFarlane : “Tha sinn uile dèanamh fiughair ri Na Trads – gu sònraichte an 40 còm-pàirtiche bhon fhèis a tha air a bhith ag obair uabhasach cruaidh ag ullachadh airson an tachartais mòr seo. ‘S i oidhche iongantach a bhios innte dhaibhsan, a’ cluich air beulaibh talla làn dhaoine agus tha sinn an dòchas gun toir seo brosnachadh dhaibh tuilleadh chothroman mar seo a ghabhail os làimh san àm ri teachd. Bu toil leinn taing mhòr a thoirt do Na Trads airson an cothrom sgoinneil seo agus cuideachd don stòras Tasgadh a thug dhuinn maoineachadh airson ullachadh a dhèanamh air thoiseach air a’ chuirm.”

Bidh oidhche air leth aig na daoine òga le cothrom èisteachd agus a’ tachairt ri gaisgich ciùil na h-Alba ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. ‘S dòcha nach bi e ro fhada mus bi na daoine òga air ais air an àrd-ùrlair a’ togail dhuaisean dhaibh fhèin!

Ma tha sibh airson na daoine òga tàlantach seo fhaicinn beò, bidh Fèis Phàislig a’ cumail cuirm-ciùil na Nollaige air an 16mh den Dùbhlachd ann am Pàislig. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean bho Grant MacFarlane aig info@feisphaislig.com .

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council