Gàirdeachas ri taic a’ Cho-op

Tha sia fèisean bho air feadh na h-Alba a’ dèanamh subhachais le duaisean taic-airgid bho Urras Coimhearsnachd a’ Cho-op.

Tha Urras Coimhearsnachd a’ Cho-op a’ roinn 1% den airgead a thèid a chosg air bathar agus seirbhisean a’ Cho-op fhèin – le cìsean nam bàgaichean plastaig air a chur ris a bharrachd – am measg bhuidhnean carthannais ionadail. ’S iad buill a’ Cho-op a bhios a’ taghadh nam buidhnean as fheàrr leotha mach à trì buidhnean anns gach sgìre, is an sgeama a’ toirt seachad còrr is £20 millean bhon t-Sultain 2016.

Anns an roinn mu dheireadh fhuaras cha mhòr £15,000 eadar Fèis Chataibh, Fèis Inbhir Narainn, Fèis Tìr an Eòrna agus Fèis Latharna. A bharrachd air sin tha a dhà fhèis eile a-steach chun na h-ath-roinn is deiseil gus taic nam ball a ghleidheadh: Fèis Arainn agus Fèis an Tairbeirt (Earra-Ghàidheal).

Thuirt Co-òrdanaiche Fèis Inbhir Narainn Rhona Dhòmhnallach,
“Tha an sgeama mìorbhaileach seo a’ dèanamh diofar air leth air feadh na dùthcha agus bha sinn air ar dòigh fhaighinn a-staigh dhan roinn mu dheireadh. Chuir meud na duais againn iongnadh mòr oirnn agus bu thoil leinn taing mhòr mhòr a thoirt dhan Cho-op agus na buill a thug taic dhuinn, agus meala-naidheachd a chur air na buidhnean ionadail eile a fhuair taic-airgid.”

Tha an urras gu bhith fosgladh a-rithist dha iarrtasan as t-Earrach 2018 – tadhalaibh air www.coop.co.uk/membership/local-community-fund gus barrachd fhaighinn a-mach mun sgeama. San eadar-àm tha bhòtadh a’ dol airson na roinn as ùire – nach toir sibh sùil air na tha ri cuideachadh sna sgìrean agaibh fhèin.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council