CD Ùr aig Fèis Dhùn Èideann

B’ e latha sònraichte a bh’ ann air an 2na den Dùbhlachd dha Fèis Dhùn Èideann ’s iad air CD ùr a chur air bhog.

Tha Fèis Dhùn Èideann air a bhith ag obair gu cruaidh thairis air na beagan mìosan a dh’fhalbh a’ clàradh an CD ùr aca, “Spionnadh”, le taic–airgid bho Sgeama-Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal. Chaidh an clàr ùr a chur air bhog aig cuirm-ciùil deireadh na teirme aca air an 2na den Dùblachd ann an Dùn Èideann. Le ceòl bho chòm-pàirtichean na fèise a tha a-nis nan inbhich òga agus nan luchd-ciùil air leth tàlantach, tha an clàr seo a’ còmharrachadh bhliadhnaichean de dh’obair chruaidh a tha Fèis Dhùn Èideann air dèanamh airson ceòl tràidiseanta ann an sgìre Dhùn Èideann.

Thuirt cathraiche Fèis Dhùn Èideann, Kris Calder,
“Chaidh an clas obair-bhuidhne againn a stèidheachadh ann an 2010 agus tha sinn air ar dòigh an EP seo fhoillseachadh a tha taisbeanadh tàlant nan còm-pàirtichean. Tha tòrr dhiubh air a bhith an sàs bhon toiseach-tòiseachaidh agus b’ e an amas againne an lùths agus cuid sgilean aca a shealltainn mus fhalbh iad sgoil airson an ath phàirt nam beathannan. Bu toil leinn, cuideachd, “tapadh leat” mòr ag ràdh ri Mike Bryan airson an uiread de dh’obair a rinn e airson a’ chlàr seo. Cha bhiodh e comasach dhuinn am pròiseact seo a choileanadh as aonais an taic agus ùine a chur e ris.”

Thuirt Manaidsear Leasachaidh, Calum Ailig Mac a’ Mhaolain,
“Tha Fèisean nan Gàidheal uabhasach toilichte taic a chumail ris a’ phròiseict seo, a tha toirt cothrom sònraichte do luchd-ciùil òga a bhith leasachadh an cuid sgilean taisbeanaidh, obair-bhuidhne agus clàraidh. Tha clasaichean-leantainneach Fèis Dhùn Èideann air a bhith air leth soirbheachail agus iad a’ dol bho neart gu neart gach bliadhna. Bu chaomh leam meala naidheachd a chur orra agus air an fheadhainn a bha an sàs sa phròiseact seo agus tha mi guidhe gach soirbheachas dhaibh leis an EP ùr.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air Fèis Dhùn Èideann an seo agus ceannaichear CD bho feisdhuneideann@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council