Teàrlach Fo Chasaid air Turas Sgoile san Iar Thuath

Air a’ mhios seo gheibh bun-sgoiltean Gàidhlig san Eilean Sgitheanach ‘s Loch Aillse, na h-Eileanan an Iar agus Malaig cothrom eòlas a chur air a’ Phrionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart agus aramach nan Seumasach tron phròiseact tèatar òideachaidh Teàrlach Fo Chasaid.

Tha an turas, a thòisich Diciadain 14 Gearran san Eilean Sgitheanach agus a leanas gu Diardaoin 1 Màrt, air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil.  Tha an taisbeanadh eadar-obrachail, a tha ag amas air clasaichean eadar P4 agus P7, stèidhte ann an seòmar-cùirte le sgoilearan a’ riochdachadh diùraidh na cùirte.  Às dèidh dhaibh èisteachd ris a’ bhritheamh ‘s na th’aig ceithir luchd-fianais ri ràdh mun Phrionnsa, thèid iarraidh air na sgoilearan tighinn gu cho-dhùnadh a thaobh ma tha no nach eil iad den bheachd gu bheil Teàrlach na ghaisgeach.

Tha a h-uile caractar anns a’ bhùth-obrach air a chluich le dithis chleasaiche.  Tha Megan NicIllFhaolain aithnichte mar phreasantair air a’ phrògram chloinne Dè a-nis? air BBC Alba agus bha Daibhidh MacCoinnich na chleasaiche anns an dealbh-chluich ‘Clach na Nathrach’ a chaidh a riochdachadh tron phròiseact Dràma air Chuairt aig Fèisean nan Gàidheal.  ‘S e seo an dàrna earrann de thuras nàiseanta leis a’ bhùth-obrach.  Anns an Dàmhair 2017, fhuair bun-sgoiltean à tìr mòr cothrom ga fhaicinn ‘s Calum Dòmhnallach agus Ellen NicDhòmhnaill a’ cleasachd ann.

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Taigh Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh airson culaidhean a fhuaras air màl a th’air a chleachdadh anns a’ bhùth-obrach.

Chaidh an obair-deachaidh agus an turas  a mhaoineachadh le taic-airgid a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Teàrlach Fo Chasaid no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559 no angus@feisean.org

Megan agus Daibhidh a’ deasachadh airson Teàrlach Fo Chàsaid
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council