Luchd-trèanaidh gan sìreadh son cùrsaichean ùr oidean a lìbhrigeadh

Ann an 2017 chaidh dà chùrsa trèanaidh ùr a dheasachadh dha Fèisean nan Gàidheal le Iain F MacLeòid airson cothroman leasachaidh a thoirt do luchd-teagaisg a tha ag obair ann an roinnean foirmeil is neo-fhoirmeil tro obair Fèisgoil agus nam Fèisean. Tha na cùrsaichean air a dhealbhadh aig dà ìre; Ìre-bunaiteach airson luchd-teagaisg ùra agus Ìre-adhartach airson luchd-teagaisg aig a bheil barrachd eòlais.

Tha sinn a-nis airson buidheann de dhaoine a thrusadh a bhiodh comasach na cùrsaichean trèanaidh seo a thoirt seachad dhan luchd-teagaisg ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Thèid dà latha trèanaidh a chumail air Disathairne 10 & Didòmhnaich 11 Màrt ann an Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis far am faigh an luchd-trèanaidh air dh’ ionnsachadh mu na cùrsaichean ùra, ‘s mar bu chòir dhaibh a bhith air an lìbhrigeadh, fo stiùir Iain F.

Air a’ chiad latha, thèid Iain troimhe gu mionaideach, a’ mìneachadh amasan a’ chùrsa, na cuspairean anns gach roinn agus mar a ghabhadh an teagasg. Bidh eisimpleirean de phlanaichean leasain aige, a bharrachd air molaidhean airson ùidh chloinne a chumail agus goireasan a dh’fhaodar cleachdadh. A bharrachd air seo thèid fiosrachadh a thoirt seachad mu Fèisean nan Gàidheal agus na Fèisean, dìon-chloinne, cleachdadh Gàidhlig tro theagasg leithid abairtean agus geamannan Gàidhlig agus thèid suil a chuir air goireasan teagaisg feumail, leithid tasglainn nàiseanta is ionadail.

Air an dàrna latha, thèid na compàirtichean a bhrosnachadh gus còmhradh air na dòighean-teagaisg agus na cleachdaidhean aca fhèin, agus gheibh sibh stiùireadh practigeach air mar a dh’ionnsaicheas iad do chompàirtichean na cùrsa mar a bhios iad a’ teagasg ann an diofar shuidheachaidhean.

Às deidh na làithean trèanaidh seo bidh sinn ag amas air na cùrsaichean seo a thoirt gu daoine air feadh Alba aig a bheil ùidh ann a bhith a’ teagasg aig Fèisean, ‘s tro Fèisgoil, ‘s gum bi sinn an dà chuid a’ leasachadh sgilean an luchd-teagaisg a th’ againn mar tha agus a’ brosnachadh ‘s a’ cumail taic ris an ath ghinealach do luchd-teagaisg.

Ma tha eòlas agad air teagasg agus ma tha thu airson ionnsachadh mar a lìbhrigeas tu ar cùrsaichean, lìonaibh ar foirm-iarrtais ro 23mh Gearran.  Tha na cùrsaichean a’ faighinn taic bho Alba Chruthachaila gus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus cha bhi cosgais nan lùib a’ chùrsa ‘s thèid cosgaisean reusanta a phàigheadh.

Tuilleadh fiosrachaidh : Shona Nic a’ Mhaoilein (01851 704 573, shona@feisean.org)

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council