Aithne do obair shòisealta na Fèise

Chaidh duais luach £3,000 a thoirt do Fèis nan Garbh Chrìochan leis a’ chathrannais òigridh, Youth and Philanthropy Initiative (YPI), às dèidh iomairt le sgoilearan Àird nam Murchan.

Rinn an sgioba de dh’ àrd sgoilearan– Rachel Ford, Frances NicDhòmhnaill, Mary Ann Nic a’ Phearsain agus Seamus Bochannan – taisbeanadh mun obair a tha an fhèis a’ dèanamh gus dèiligeadh ri cùisean sòisealta sa choimhearsnachd, air beulaibh bhritheamhan YPI.

Bha an Fhèis am measg còig charthannasan ionadail san iar-chuairt dheireannaich, le sgoilearan na h-Àrd-sgoile san èisteachd.

Thuirt Cathraiche na Fèise, Sarah-Jayne Shankland: “Tha sinn ar dòigh glan gun do choisinn sinn duais bhon YPI.  Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt don sgioba a dh’ ullaich taisbeanadh fiosrachail a’ sealltainn buaidh obair na fèise sa choimhearsnachd againn”.

Thathas an dùil gun dean an Fhèis feum dhen duais ann an iomadach dhòigh leithid a bhith a ceannach ionnsramaidean agus uidheamachd agus a bhith a’ stèidheachadh chlasaichean ciùil ùra.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council