Fèis Dhràma a Chinn a Deas air Fàire do Bhun-sgoiltean

Bidh Fèis Dhràma a Chinn a Deas, Fèis Dhràma a thaisbeanas dealbhan-cluiche ùra a riochdaich bun-sgoiltean à ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ‘s Loch Aillse, a’ gabhail àite aig Talla Dhonaidh Chaimbeul, Sabhal Mòr Ostaig air Dimàirt 22 Cèitean.

Thòisich na trì buidhnean-sgoile a tha gabhail pàirt anns an Fhèis; Bun-sgoil Shlèite, Bun-sgoil an Ath Leathainn agus Bun-sgoil a’ Phluic le sgoilearan a Bun-sgoil Loch Carrain, ag ullachadh air a son aig toiseach na teirm.  Bhon uair sin tha na sgoiltean air a bhith a’ faighinn taic ‘s stiùireadh bhon sgrìobhadair s cleasaiche Catriona Lexy Chaimbeul, a chaidh fhastadh le Fèisean nan Gàidheal gus sreath de bhùthan-obrach dhràma a thoirt seachad aig gach sgoil.

A bharrachd air na dealbhan-cluiche seo, tha Bun-sgoil Mhalaig air cuireadh thighinn gus pàirt a ghabhail agus bidh iad a’ seòladh a-null air an latha gus an dealbh-chluich aca a thaisbeanadh aig an Fhèis.

Tha an t-seirbheis foghlaim aig Fèisan nan Gàidheal gu cunbhallach a’ co-òrdanachadh oideachadh ann an dràma do sgoiltean a tha sireadh taic le dràma  airson Fèisean Dràma agus caochladh seòrsa phròiseact eile. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbheis aig Fèisgoil cuiribh fios air Aonghas MacLeòid no Eilidh NicCoinnich a th’ann an Inbhir Nis air 01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council