Làithean Dràma do Thiristich ‘s Ìlich Òga

Anns an teirm a dh’fhalbh fhuair clann à Ìle agus Tiriodh buannachd às a’ phròiseact ‘Sgilean Dràma’ a chaidh a thabhann do bhun-sgoiltean le ionadan Gàidhlig ann an sgìre Earra-Ghàidheal.

Thug am pròiseact cothrom do gach sgoil a ghabh pàirt oideachadh fad latha fhaighinn ann an iomadach seòrs sgil dràma tro mheadhan na Gàidhlig.  Chaidh an oibriche dràma Artair Donald fhastadh le Fèisean nan Gàidheal gus a’ phròiseact a’ lìbhrigeadh.  Chaidh bùthan-obrach a bha freagarrach do bhuidhnean-sgoile a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd agus sgoilearan gun Gàidhlig a thabhann cuideachd.

Air Dihaoine 11 Cèitean chaidh latha a chosg le corr is 30 sgoilearan ann an Sgoil Thiriodh agus air Diluain 4 Ògmhios dh’obraich e le corr is 40 sgoilear aig Bun-sgoil a’ Bhogha Mhòir.  Fhuair clann-sgoile bho na bun-sgoiltean eile ann an Ìle cothrom sgilean dràma ionnsachadh cuideachd le seisean dràma as dèidh na sgoile a bha freagairt air clann a bha fileanta agus clann gun Gàidhlig agus tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Ionad Chaluim Chille Ìle a thug cothrom dhuinn an togalach aca a chleachadh airson na seisean seo.

Tro Fèisgoil bidh Fèisean nan Gàidheal gu cunbhallach a’ co-òrdanachadh oideachadh ann an dràma do sgoiltean mar Fhèisean Dràma agus caochladh sheòrsa phròiseact dràma eile. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbheis foghlaim aig Fèisgoil cuiribh fios air Aonghas MacLeòid no Eilidh NicCoinnich a th’ann an Inbhir Nis air 01463 225559

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council