Na caill d’àite aig Sgoil Shamhraidh Dràma 2018

Chan eil ach beagan làithean air fhàgail aig deugairean le Gàidhlig cur a-steach airson àite aig Sgoil Shamhraidh Dràma 2018 is DILUAIN 18 ÒGMHIOS na cheann-latha do thagraichean.

Tha Sgoil Shamhraidh Dràma 2018 na sgoil-chòmhnaidh is bi i a’ gabhail àite ann am Port Rìgh eadar Diluain 2 agus Disathairne 14 Iuchar.   Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho dheugairean le Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 18 aig àm na Sgoile agus tha roghainn ann cur a-steach airson àite a mhaireas 6 no 12 latha.  Rè na Sgoile, a thèid a stiùireadh le Mairi Mhoireasdan, gheibh compàirtichean oideachadh air leth ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le tòrr spòrs ‘s fealla-dhà na chois. Tha Mairi, a bhoinneas do Leòdhas ach a’ fuireach ann an Glaschu a-nis, air cliù a chosnadh dhì fhèin mar shàr chleasaiche agus seinneadair air an àrd-ùrlar agus air telebhisean. Na bu thràithe sa bhliadhna seo b’ ise a chluich Lisa san dealbh-chluich ‘Cèilidh’ le Theatre Gu Leòr agus tha i aithnichte mar Iseabail ann am ‘Bannan’ air BBC Alba.

Tha taic-airgid ri fhaotainn do theaghlaichean a tha faighinn Creideas Coitcheann a phàigheas airson suas ri 50% de chosgaisean na Sgoile.  Tha an taic-airgid seo ri fhaotainn do thagraichean tro Urras Shìm MhicCoinnich. Chaidh an Urras, a tha fo rian Fhèisean nan Gàidheal, a chur air bhonn ann an 2008 mar chuimhneachan air a’ chleasaiche iomraiteach gus na sgilean ealaineach aig Gàidheil òga a bhrosnachadh.

Gus àite fhaighinn chan fheumar ach an fhoirm-iarrtais air-loidhne a’ lìonadh a lorgar le tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Sgoil Shamhraidh Dràma cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559.  Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council