Call na h-Iolaire ga chuimhneachadh aig Sgoil Shamhraidh Dràma 2018

Thèid dealbh-chluich ùr a chomharraicheas ceud bliadhna bho thachair Call na h-Iolaire a thaisbeanadh an t-seachdain seo le com-pàirtichean Sgoil Shamhraidh Dràma 2018.  Thèid ‘Call na h-Iolaire’ a thaisbeanadh Diardaoin 12 Iuchar aig talla Àrd-sgoil a’ Phluic aig 7.30f mar phairt de chèilidh teaghlaich Fèis Alba.   Thèid an taisbeanadh deireannach a chumail air Dihaoine 13 den Iuchar aig talla Chille Mhoire aig 7.30f.  A bharrachd air an dealbh-chluich bidh taisbeanadh ann bho Clann Thròndairnis, Dannsairean an Eilein Sgitheanaich agus ceòl traidiseanta agus dannsa le Ceilear, an còmhlan Cèilidh air Cuairt aig Fèis an Earraich.

‘S i Màiri Mhoireasdan stiùiriche na Sgoile. Tha Mairi, a bhoinneas do Leòdhas ach a tha a’ fuireach ann an Glaschu a-nis, air cliù a chosnadh dhì fhèin mar shàr chleasaiche agus seinneadair air an àrd-ùrlar agus air telebhisean.  Thuirt i: “Chaill corr is 200 duine am beatha le call na h-Iolaire is tha e cudromach gum bi òigridh, chan a-mhàin as na h-eileanan, ach air feadh Alba gan cuimhneachadh ‘s tuigs a bhith aca air na thachair. Tha còir fios a bhith aig a h-uile duine mu dheidhinn.”

‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dhràma Fhèisean nan Gàidheal a cho-òrdanaich a’ phròiseict, thuirt e: “Chaidh an dealbh-chluich a dhealbhadh, a’ sgrìobhadh ‘s a’ deasachadh aig an Sgoil a thòisich air an 2 latha den Iuchar.  Bidh ‘Call na h-Iolaire’ a’ taisbeanadh tòrr de na sgilean dràma a chaidh a theagasg rè a’ chiad seachdain de bhùthan-obrach a bha stèidhte air balbh-chluiche, a’ leasachadh caractar, òcaideachadh, obair le aodainn coimheach, obair ghutha, seinn, dannsa agus gluasad.”

A bharrachd air an oideachadh a fhuaras bho Mhàiri agus Aonghas, chaidh bùthan-obrach sònraichte de dhanns ‘s gluasad a’ lìbhrigeadh le Ailsa NicAonghais agus Meara O’Donnell-Webb bho SkyeDance.

FilmG
A bharrachd air obair an àird-ùrlar tha compàirtichean air a bhith trang a’ riochdachadh film goirid airson FilmG, co-fharpais nam filmaichean goirid aig MG Alba, a tha am-bliadhnasa stèidhichte air a’ chuspair ‘Ann am Priobadh na Sùla’.  Rinn iad filmadh fad latha Disathairne le taic bhon fhear-chamara Alisdair MacAoidh agus thèid an fhilm a ghearradh le compàirtichean na Sgoile an t-seachdainsa.

Cinn-latha SSD2019
Bidh Sgoil Shamhraidh Dràma a’ tilleadh a Phort Rìgh an ath bhliadhna ‘s bi i gabhail àite eadar 1 agus 13 den Iuchar 2019. Tha tuilleadh fiosrachaidh mun Sgoil ri fhaotainn air làrach-lìn Fhèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/ssd

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council