Dealbh-chluich mun t-Sìde air Turas tro Sgoiltean na Gàidhealtachd

Air Diluain 3 Sultain, tòisichidh an dàrna turas den dealbh-chluich Gàidhlig ‘Seirm na Sìde’, le taisbeanaidhean aig sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.  Bidh an turas freagarrach do chlann ann an sgoiltean-àraich ‘s sgoilearan òga sa bhun-sgoil, cuiridh na caractaran san dealbh-chluich, Hùb agus Hàb, eòlas air an t-sìde ‘s dathan a’ bhogha-fhrois le òrain agus pupaidearachd.

Mairidh an turas 10 latha uile gu lèir, le taisbeanaidhean aig sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an Inbhir Theòrsa, Baile Dhubhthaich, Ulapul, Inbhir Pheofharain, Gearrloch, am Ploc, Dùn Bheagain, Port Rìgh, Stafainn, Slèite, an t-Ath Leathainn, Inbhir Narainn, Inbhir Nis, Druim na Drochaid, Baile Ùr an t-Slèibh, Malaig, Ath Tharracail agus a Chaol.  Thig an turas, a tha mar phàirt den phrògram Sgoile ‘s Coimhearsnachd aig an Fhèis chiùil Blas,  gu crioch air Dihaoine 14 Sultain.

Ged a bhios a mhòr-chuid de thaisbeanaidhean airson clann ann am foghlam tro mheadhan an Gàidhlig, aig cuid de na taisbeanaidhean gheibh sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd cothrom an dealbh-chluich fhaicinn cuideachd.

‘S e Anna NicDhòmhnaill (Hùb) agus Catriona NicNeacail (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. ‘S ann à Tiriodh a tha Anna agus tha i aithnichte mar sheinneadair agus clàrsair.  Tha Catriona air obair chleasachd a dhèanamh ann an caochladh pròiseactan dràma  Fhèisean nan Gàidheal leithid dealbh-chluich Nollaig ‘Marsaili agus a’ Bhleideag Airgid’.   Thèid na guthan-seinn aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.

Chaidh ‘Seirm na Sìde’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal le stiùireadh a thaobh ceòl bho Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil agus le chèile leasaich iad òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Sgeadaich Laura Cowie na culaidhean.

‘S e pròiseact tèatar airson clann sna tràth-bhliadhnaichean a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tro Fèisgoil, an t-seirbheis fhoghlam aig Fèisean nan Gàidheal, a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

Tha an turas seo a’ leantainn air a’ chiad air a ghabh àite sa Chèitean anns a’ Chrios Mheadhanach, siorrachd Pheairt agus Earra-Ghàidheal agus soirbheachas ‘Hùb Hàb: Cùmaidhean Ceòlmhor’ a chaidh air chuairt timcheall na dùthcha ann an 2017 agus  ‘Hùb Hàb:  Air Ghleus’ ann an 2016.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council