Cùl fhiosrachadh

‘S e sgeama taisbeanaidh a th’ anns na Cèilidhean air Chuairt a bheir cothrom do luchd-ciùil is seinneadairean òga turas ciùil phroifeiseanta a lìbhrigeadh le taic bho sgioba de luchd-ciùil is oidean.  ‘S e inneal sònraichte a tha seo a’ toirt trèanadh do chompàirtichean ann an cuid de na 
sgilean a fheumadh a bhith aca airson beò-shlàint’ a dhèanamh ann an ceòl traidiseanta no ann an gnìomhachas a’ chiùil.

Bha a’ chiad Cèilidh air Chuairt air a stèidheachadh le Fèis Rois ann an
 1999 airson taic a thoirt do luchd-ciùil òga na sgilean cluiche aca a 
leasachadh agus airson prògram de cheòl traidiseanta, beòthail a 
chruthachadh air a’ Ghaidhealtachd. Tha an sgeama air a dhol bho neart gu neart agus a bharrachd air Fèis Rois tha ochd fèisean eile a-nis a’ cur bhuidhnean Cèilidh air Chuairt a-mach air an rathad air feadh na h-Alba tron Iuchar is tron Lùnastal gach bliadhna.

Cuairtean 2017

Ann an 2017 gabhaidh cuid de na seinneadairean agus luchd-ciùil òga as fheàrr bho na fèisean a chluinntinn air slighean nan cèilidhean a bhios a’ tachairt anns na sgìrean seo:

Ceilear ~ An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse agus na h-Eileanan

Fèis Chataibh ~ Cataibh is Gallaibh

Fèis Fhoirt ~ Sruighlea agus Na Tròiseachan

Fèis Inbhir Narainn ~ Sgìre Inbhir Narainn is Slighe a’ Ghlinne Mhòir

Fèis Latharna ~ Earra-Ghàidheal

Fèisean Lochabair ~ Loch Abar

Fèis Rois ~ Siorrachd Rois & air feadh na h-Alba

Fèis Spè ~ Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

 

Bhon Tasglann:

Seo eisimpleir de na còmhlain a chithear air na Cèilidhean air Chuairt – buidheann aig Fèis Lochabair:

Goireasan Gàidhlig:

Lorgar faclan agus abairtean feumail airson luchd-ciùil aig cèilidhean an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council