Ceòl nam Fèis 2007 Air Chuairt
Ceol Traidiseanta aig àrd ìre
Tha trithead den luchd-ciùil òga is fheàrr bhon Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan gu bhith an sàs ann an sreath de chuirmean-ciùil aig deireadh na mìos – is iad a’ dol air a’ chiad chuairt aig Ceòl nam Fèis do bhailtean beaga agus mòra air taobh a-muigh na Gàidhealtachd. Air a ruith le Fèisean nan Gàidheal, le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (InG) agus Comhairle Ealain na h-Alba, bithidh cluicheadairean aig gach cuirm-ciùil a bhios eadar 16 agus 25 bliadhna a dh’aois, bho Fhèisean bho air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, is cluicheadairean nas òige bhon sgìre ionadail aig na tachartasan ann am Peairt, Beannchar, Glaschu agus Dùn Èideann.
Tiocaidean Air-loidhne:
Peairt: Perth Theatre: Diciadain 27 An Òg mhios 2007: Tiocaidean
Beannchar - Woodend Barn: Diardaoin 28 An Òg mhios 2007: Tiocaidean
Glasgow Royal Concert Hall: Dihaoine 29 An Òg mhios 2007: Tiocaidean
Dùn Èideann - St Brides Centre: Disathairne 30 An Òg mhios 2007: Tiocaidean
