Cothroman Eile

Tha còig beàrnan rin lìonadh air a’ Bhòrd mas a leanas, a’ cleachdadh siostam riochdachaidh co-roinneil:

  • Dithis bho Fèisean ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd
  • Dithis bho Fèisean ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar
  • Aonan bho sgìrean eile (taobh a-muigh sgìrean na Gàidhealtachd, nan Eilean Siar agus Earra Ghàidheal is Bhòid)

Ma tha i stèidhichte ann an tè de na sgìrean shuas, faodaidh an Fhèis agaibh aon neach ainmeachadh airson seasamh ann an taghadh dhan Bhòrd.  Bidh bhòt aig a h-uile Fèis ann an taghadh sam bith agus mholainn gum bu chòir dhuibh beachdachadh gu cùramach air pàirt a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum bi riochdachadh nam Fèisean a’ leantainn aig ìre Bhòrd Fèisean nan Gàidheal.

Feumaidh tagraidhean foirm a lìonadh agus taic fhaighinn bhon Fhèis a tha ga chur air adhart mar riochdaire.  Tha tuilleadh fiosrachaidh, foirm-tagraidh agus stiùir air dleastanasan buill a’ Bhùird an am pasgan an lùib seo agus ghabhadh a h-uile càil a thoirt a-nuas air làmh dheas na duilleige.  Cha bhi e ceadaichte do gach Fèis ach aon neach ainmeachadh agus bidh e an urra ri ur comataidh co-dhùnadh a ruighinn air cò bu chòir a bhith gur riochdachadh.  Ma tha cuideigin bhon Fhèis agaibhse air a’ Bhòrd an-dràsta, cha bhi e ceadaichte cuideigin eile ainmeachadh aig an ìre seo.

Feumaidh foirmean tagraidh a bhith air an lìonadh gu h-iomlan, le ainmean-sgrìobhte an tagraiche agus neach bhon Fhèis agaibh air.  Feumaidh iad a bhith agam tro phost, phost-d no air an cur dhan oifis ro 5f air Diluain 6 Samhain 2017.  Cha ghabh mi ri tagraichean a ruigeas an dèidh sin.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council