Fuaran

 

fuaran logo

 

‘S e pròiseact dualchais a th’ ann am Fuaran a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig as na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh.

Thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh tha còrr math is fichead neach òg aois 16-24 air pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn is trèanaidh le cuid dhe na h-eòlaichean as comasaiche a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig.  Tha naoinear air a dhol air adhart gus trèanadh agus rannsachadh na bu dhoimhne a dhèanamh le bhith a’ cumail agallamhan le daoine bho chaochladh coimhearsnachd agus a’ sgrùdadh chruinneachaidhean agus ghoireasan beul-aithris.  Tha an sgioba seo air 22 òran a thrusadh agus a chlàradh as ùire, a’ toirt dhuinn cruinneachaidh phrìseil ùir de dh’òrain Ghàidhlig is na seinneadairean òga seo air sgilean agus misneachd ùr a thogail.

Leanaibh air adhart gu làrach Fhuarain gus na h-òrain a chluinntinn agus a rannsachadh dhuibh fhèin:

www.feisean.org/fuaran

 

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council