Dràma air Chuairt

Dràma air Chuairt

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte a bhith a’ cur air dòigh Dràma air Chuairt ann an 2017. Stèidhichte air modal na Cèilidhean air Chuairt, chaidh Dràma air Chuairt a stèidheachadh airson cothrom a thoirt do dhaoine òga le Gàidhlig obair phàighte fhaighinn mar cleasaichean le trèanadh farsaing agus an uairsin cothroman taisbeanaidh de dhealbh-cluiche ùr mar phàirt dhan phròiseict. Bidh an dealbh-chluich air a sgrìobhadh le Catriona Lexy Chaimbeul (Manaidsear Foghlam Cruthachail aig Theatre Gu Leòr) agus ‘s e Catriona fhein a bhios a’ stiùireadh a’ phròiseact. Mar phàirt dhen chò-obrach seo, gheibh na cleasaichean an cothrom pàirt a ghabhail anns na bùithean-obrach CPD a bhios Theatre Gu Leòr a’ cumail as t-Fhoghair mar phàirt dhen phròiseact ùr acasan, Cèilidh

Na Cleasaichean

Tha 4 àitean rim faotainn air a’ chuairt seo am bliadhna, ‘s tha e fosgailte do chom-pàirtichean eadar 18-25 bliadhna a dh’ aois a tha fileanta sa Ghàidhlig.

Trèanadh is ullachadh

Thèid trèanadh is àm ullachaidh a chumail ann an Inbhir Nis eadar 21 Lùnastal gu 1 Sultain ann an Inbhir Nis. Thèid an dealbh-cluiche air an rathad an uairsin eadar 5-9 Sultain mar phàirt de Blas 2017.

Bidh an trèanadh air a lìbhrigeadh le eòlaichean dràma ann an taghadh farsaing de chuspairean, nam measg; gluasad, guth, òcaideachadh a bharrachd air sgìlean taisbeanaidh a bhios feumail, chan ann a-mhàin airson a’ chuairt fhèin, ach cuideachd mar phàirt dhan an leasachadh-pearsanta aig na com-pàirtichean mar cleasaichean Gàidhlig.

Taisbeanaidhean

Thèid a’ bhuidheann air chuairt air feadh na Gàidhealtachd eadar 5-9 Sultain. Thèid taisbeanaidhean den dealbh-cluiche a dhèanamh ann an coimhearsnachdan agus àrd-sgoiltean.

Tuarastail na h-obrach

Gheibh com-pàirtichean £900 mar tuarastail airson a’ phròiseict ‘s thèid cosgaisean siubhal, biadh is àite-fuirich a chuir air dòigh dhaibh airson na seachdainean trèanaidh is ullachaidh agus a’ chuairt fhèin.

Gheibhear foirm–iarrtais air loidhne aig https://goo.gl/forms/CqgNkAjbw4LITTvw2 Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro Dhiluain 26 Ògmhios le deuchainn-cluiche a’ gabhail àite air Diciadain 5 Iuchar ann an Inbhir Nis.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseict, cuiribh fios air Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein air 01463 225559 no calum@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council