Dealbh-chluich Nollaig air Turas Nàiseanta

Aig toiseach na seachdain thòisich turas nàiseanta leis an dealbh-chliuch Nollaig ùr Hansel ‘s Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine aig Bun-sgoil Ghilcomstoun, Obar Dheathain.  ‘S e seo an naoidheamh bliadhna a’ riochdaich Fèisean nan Gaidheal dealbh-chluich Nollaig Ghàidhlig ‘s turas do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Mairidh an turas 10 latha eadar 28 Samhain agus 9 Dùbhlachd a’ toirt an dealbh-chluich do dh’òigridh le Gàidhlig anns na bailtean mòra agus bailtean beaga air feadh na dùthcha.  Am bliadhna, gheibh sgoiltean Gàidhlig ann an Leòdhas ‘s na Hearadh cothrom ga faicinn cuideachd le trì taisbeanaidhean aig Talla Bhaile Steòrnabhaigh air Diluain 5 Dùbhlachd agus taisbeanadh anns na Hearadh aig Sgoil Sir E. Scott air madainn Dimàirt 6 Dùbhlachd. Rè an turais thathar an dùil gum faigh sgoilearan bho corr is 40 sgoil cothrom an dealbh-chluich fhaicinn agus air feasgar Diardaoin 8 Dùbhlachd thèid taisbeanadh poblach a chumail aig an Ironworks ann an Inbhir Nis le na dorsan a’ fosgladh aig 7f.

Chaidh Hansel ‘s Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, dealbhaich Shanon White na propaichean agus dreach na stèidse agus dhealbhaich Laura Cowie na culaidhean.

Thuirt Aonghas MacLeòid; “Chuir mi car no dhà san sgeulachd traidiseanta is tha ceangal no dhà ris The Great British Bake Off na cois cuideachd.   Tha fealla-dhà ‘s amaideas gu leòr ann a chòrdas ris na sgoilearan a bharrachd air an t-seinn, pupaidean agus ceòl.   ‘S e cothrom air leth a th’ann do chlann eòlas a chur air dràma Ghàidhlig cuideachd agus pàirt a ghabhail san dealbh-chluich. Bha mi air mo dhòigh gun do dh’aontaich sgioba cho tàlantach pàirt a ghabhail san dealbh-chluich le roghainn farsaing de dh’eòlas aca uile air cleasachd.”

Tha Hansel a th’air a chluich le Calum Dòmhnallach, a bha bho chionn ghoirid a’ cleasachd anns The Cheviot, The Stag and the Black, Black Oil leis an Dundee Rep.  Bha MJ Deans (Gretel) air turas le Uisge Beatha Gu Leòr/ Whisky Galore a bh’air a riochdachadh leis Tèatar Nàiseanta na h-Alba agus Robhanis agus am bliadhna bha i a’ cleasachd ann an Hùb Hàb air Ghleus, pròiseact tèatar airson nan tràth-bhliadhnaichean aig Fèisean nan Gàidheal. Tha Debbie NicAoidh (An Gille-bonnaich) gu math aithniche mar Màiri air Bannan, agus tha Iain Beggs, aig a bheil an caractar Màiri Nic na Dearcaige aithnichte cuideachd mar chleasaiche ann am Bannan agus bho chionn ghoirid bha e na phrìomh charactar anns an dealbh-chluich Shrapnel le Theatre Gu Leòr.

Tha an dealbh-chluich Nollaig air a’ lìbhreagadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal. Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson maoineachais a fhuaras gus an dealbh-chluich a riochdachadh agus an turas a lìbhreagadh.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mun turas cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich no Aonghas MacLeòid air 01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council