Dealbh-chluich do Chlann Òga air Turas sna h-Eileanan an Iar

An t-seachdain sa chaidh thòisich turas anns na h-Eileanan Iar leis an dealbh-chluich Ghàidhlig ‘Cumaidhean Ceòlmhor’, le taisbeanaidhean ann am Barraigh, Uibhist, na Hearadh agus Iar-Thuath Leòdhais.

Freagarrach do chlann òga sa bhun-sgoil agus ann an sgoiltean-àraich cuiridh na caractaran san dealbh-chluich Hùb ‘s Hàb eòlas air cumaidhean eadar-dhealaichte le taic bho òrain, ceòl ‘s spùinneadair càirdeil don ainm Seonaidh.  Tha an dealbh-chliuch freagarrach do chlann a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd agus rè an turais gheibh clann agus sgoilearan ann an roinnean Gàidhlig ‘s Beurla P1-P3 cothrom an dealbh-chluich fhaicinn còmhla.

Mairidh an turas seachd latha uile gu lèir agus an t-seachdains bidh an turas a’ fuireach ann an Leòdhas  le trì taisbeanaidhean aig Ionad Drochaid Cheann a’ Bhàigh, Steòrnabhagh air Dimàirt 23 Cèitean, taisbeanaidhean aig Sgoil nan Loch agus Sgoil a’ Bhac air Diciadain 24 Cèitean agus Sgoil Thunga agus Sgoil an Rubha madainn Diardaoin 25 Cèitean. Chaidh an turas a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar le taic Bhòrd na Gàidhlig.

‘S e Ellen NicDhòmhnaill (Hùb) agus Murray Willis (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. Tha Ellen aithnichte mar sheinneadair agus tha i seinn leis a’ chòmhlan-chiùil Dàimh.  ‘S e cluicheadair ealanta a bhogsa-chiùil a th’ann am Murray agus ann an 2016 ràinig e a’ chuairt dheireannaich den BBC Young Traditional Musician of the Year.  Thèid na tàlantan-ciùil aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.

Chaidh an dealbh-chluich a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal le stiùireadh a thaobh ceòl bho Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil agus le chèile leasaich iad òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Chruthaich Shannon White an seata agus propaichean agus sgeadaich Laura Cowie na culaidhean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ‘Hùb Hàb’ no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

‘S e pròiseact tèater airson clann òga a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal.

Tha an turas air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Fèisean nan Gàidheal air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council