Taic Cànain

’S e seribheis foghlaim do dh’ughdarrasan poblach a th’ ann am Fèisgoil, gun sònraichte do choimhearsnachdan, sgoilearan is tidsearan a tha an sàs ann an cànan, ceòl agus dràma air feadh na dùthcha.

 

Sa bhliadhna ri teachd bidh clasaichean cànain gan lìbhrigeadh do sgoilearan bun-sgoile ann an dà sgìre ùr do dh’Fhèisgoil – siorrachd Àir an Ear is sgìre na h-Eaglaise Brice.  Thèid clasaichean Gàidhlig air adhart ann an grunn sgoiltean far nach eil i ga teagasg an-dràsta thairis air deich seachdainean.  Anns gach proiseact, bidh neach-oideachaidh, Murray Willis no Linda NicLèoid, ag obair ann an trì sgoiltean sna sgìrean gach seachdain agus, aig deireadh na teirm, gabhaidh a’ chlann is an luchd oideachaidh pàirt ann an ceilidh choimhearnsachd.  Tha Comhairle na h-Eaglaise Brice cuideachd ag amas air Meanbh-Fhèis a chumail – latha ceòlmhòr le spòrs is cànan do sgoilearan sa chiadamh bliadhna san àrd sgoil; treànadh anns na h-ealain Ghàidhlig is ceòl traidiseanta do thidsearan–ciùil àrd sgoile; is trèanadh sònraichte do luchd-obrach na Comhairle mu na diofar dhòighean sa bheil a’ Gàidhlig a’ buntainn ris an sgìre aca fhèin.

 

Ma bhios sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich eilidh@feisean.org no 01463 225559.

Builean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais

  • a’ toirt chothroman do sgoilearan tuigse nas fheàrr fhaighinn air cultar na h-Alba agus air an t-saoghal
  • ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
  • a’ cruthachadh chothroman a bhith a’ tuigsinn Gàidhlig, an cànan agus an cultar, ann am barrachd doimhneachd
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council