Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Fèis an Earraich

April 4, 2016 @ 10:00 am - April 8, 2016 @ 5:00 pm

Chaidh Fèis an Earraich a chumail ann an Àrd-sgoil a’ Phluic bhon an 4mh chun an 8mh latha den Ghiblean. Chaidh taghadh farsaing de chuispearan an tabhann co-cheangailte ri ceòl, cànan agus cultair nan Gàidheal agus chaidh cuid de na clasaichean ri fhaotainn tro mheadhan na Gàidhlig. Bha taghadh sònraichte ann do dheugairean, a bharrachd air seiseanan ciùil, dannsa cèilidh agus ceòl is cleas. Am measg nan luchd-teagasg cliùiteach am bliadhna bha measgachadh de dh’ainmean bho chòmhlain ciùil ainmeil agus bha sgilean gu leòr ri ionnsachadh fad na seachdain.

Bidh Cèilear bho Fèis an Earraich a’ gabhail pàirt ann an Cèilidhean air Chuairt am-bliadhna a-rithist, a’ siubhal gu diofar àiteachan anns an sgìre a’ cur consairtean air dòigh thairis air trì seachdainean as t-samhradh. Chaidh agallamhan an cumail air seachdain na Fèis air Diciadain an 6mh den Ghiblean agus chaidh còigear a thaghadh airson a bhith an sàs sa chuairt.

Bha cèilidh air leth aca ann an tàlla a’ Phluic oidhche ‘Chiadain far an robh an luchd-teagaisg air fad air an àrd-ùrlair a’ cluich dhan chloinn, a bha a’ dannsa air an làr. Chaidh dithis dha na pìobairean am measg na cloinne a dhannsa leis na pìoban – sealladh a bha èibhinn dha-rìreabh! Chaidh consairt deireannach a chumail Dihaoine far an d’ fhuair a’ chlann cothrom na sgilean ùra aca a thaisbeanadh air beulaibh na coimhearsnachd agus bha e soirbheachail gun teagamh.

Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun Fhèis no mu Chèilidhean air Chuairt cuiribh fios gu Kirsteen Ghreumach air a’ phost-d aig taobh na duilleige.

Fèis an Earraich took place during the Easter holidays, from the 4th to the 8th of April in Plockton High School. The aim of the week was to offer young people an enjoyable opportunity to receive intensive tuition in a range of subjects or instruments related to traditional music, Gaelic language and culture. Most of the classes were taught in Gaelic and older participants had the choice of a Teenage Fèis as well as music sessions, cèilidh dancing and song and drama. This year there was a host of famous musicians tutoring, who are members of several different bands and the children will be learning to a high standard.

Cèilear from Fèis an Earraich will be taking part in a Cèilidh Trail again this year, putting on concerts in a wide range of locations over the course of three weeks.  Auditions were held during the week of the Fèis on Wednesday the 6th of April, and five participants were chosen to be part of the group.

A very successful cèilidh was held on the Wednesday night in Plockton Community Hall where the tutors were on hand to provide music while the children danced, and two of the pipers jumped down to join the dancers with their pipes – a sight to behold! The final concert was held on the Friday night where the children displayed their new skills in front of the community. The night was a big success.

For more information contact Kirsteen Graham using the details at the side of the page.

Details

Start:
April 4, 2016 @ 10:00 am
End:
April 8, 2016 @ 5:00 pm
Event Categories:
,

Venue

Plockton
Plockton, United Kingdom + Google Map
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council