Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Fèis Bharraigh

July 4, 2016 @ 10:00 am - July 8, 2016 @ 5:00 pm

Thèid Fèis Bharraigh a chumail bhon 4 – 8 Iuchar am bliadhna ann an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Barraigh. Gheibh a’ chlann air ceithir diofar chuspair a thaghadh, a’ toirt eòlas farsaing dhaibh air cuspairean agus ionnstramaidean a bhuineas do chultar na Gàidhlig. Air Dimàirt thèid dannsa na cloinne a chumail san sgoil le ceòl bhon an luchd-teagaisg, a bheir an cothrom dhan a’ chlann beagan a bharrachd eòlais fhaighinn air a’ chèile.

Thèid cèilidh a chumail ann an Caisteal Chiosmhuil Diciadain airson coimhearsnachd Bharraigh agus an luchd-turasachd, far am faigh iad blas de na tha a’ chlann air a bhith ag ionnsachadh bhon luchd-teagaisg. Air Diardaoin bidh oidhche pìobaireachd aca ann an ceann a tuath Bharraigh, far am bi pìobairean òga Fèis Bharraigh air làimh airson fuaim gu leòr a dhèanamh. Thig an t-seachdain gu crìoch Dihaoine le cuirm na cloinne agus le consairt agus cèilidh ann an talla choimhearsnachd Bhàigh a’ Chaisteil.

Airson fiosrachadh mu dheidhinn Fèis Bharraigh cuiribh fios gu Mairi Anna NicFhearghais air feisbharraigh@gmail.com no 01871 810 624.

Fèis Bharraigh will be held in Castlebay Community School this year between the 4th and the 8th of July. Children will be able to choose four subjects which consisted of different instruments, step dancing, singing, shinty and drama, in which they receive a high level of tuition all week from accomplished tutors. A children’s cèilidh will be held on Tuesday night, as well as a midweek tutors’ ceilidh in Kisimul Castle and a piping night in Northbay. They are usually all highly successful thanks to the attendance and support of the community of Barra. Friday afternoon will see the children’s new skills being showcased in their final concert and a grand cèilidh will be held on Friday night. 

For information about Fèis Bharraigh, please contact Mary Ann Ferguson at feisbharraigh@gmail.com or on 01871 810 624.

Details

Start:
July 4, 2016 @ 10:00 am
End:
July 8, 2016 @ 5:00 pm
Event Categories:
,

Venue

Isle of Barra
Isle of Barra, United Kingdom + Google Map
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council