Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Fèis Eilean an Fhraoich

July 25, 2016 @ 10:00 am - July 29, 2016 @ 10:00 pm

Aig deireadh an t-samhraidh, air an t-seachdain mu dheireadh de dh’Fhèisean anns na h-Eileanan Siar, thèid Fèis Eilean an Fhraoich a chumail. Bidh dùil ri còrr is 150 pàiste air a’ chiad latha, deiseil agus deònach airson iad fhèin a bhogadh ann an oideachadh bho luchd-teagaisg a tha air a bhith an sàs aig an Fhèis fad iomadh bliadhna.

Am bliadhna, leis cho mòr ‘s a chòrd Fèis Eilean an Fhraoich riutha an uiridh, tillidh buidheann de dh’Èireannaich leis an t-ainm Club Óige Luraigh. Thèid an cur a-steach am measg nan Leòdhasaich airson seinn, dràma agus ionnstramaidean ionnsachadh, agus tòisichidh iad ag ullachadh dealbh-chluich ann an Gàidhlig na h-Alba a bhios iad a’ taisbeanadh aig a’ chonsairt air an oidhche mu dheireadh.

A bharrachd air na bhios a’ dol aig an Fhèis, thèid tachartasan a chur air dòigh anns a’ choimhearsnachd far an urrainn do mhuinntir an eilein a thighinn a dh’èisteachd ris an luchd-teagaisg agus far am faigh iad cothrom beagan seinn agus dannsa a dhèanamh iad fhèin. Bidh seiseanan ciùil gam cumail air an oidhche cuideachd far a bheil fàilte ann ron a h-uile duine a bhith an sàs.

Aig deireadh na seachdain, thig cùisean gu crìoch le dà chonsairt, far am faigh a’ chlann cothrom na sgilean ùr aca a thaisbeanadh air an àrd-ùrlair. 

Gheibh sibh fiosrachadh mu dheidhinn Fèis Eilean an Fhraoich bho Pheigi NicIllInnein air peigi@ancomunn.co.uk no 01851 703 487.

Fèis Eilean an Fhraoich will be held on the last week of the Western Isles Fèisean, the 25th to the 29th of July. There will hopefully be upwards of 150 children in attendance to immerse themselves in tuition from various musicians who have been involved with the Fèis over the years.

The group of Irish youngsters who were involved last year, Club Óige Luraigh, will be returning again to take part in the music and drama classes along with the island youth and will be performing their own play at the concert at the end of the week in Scottish Gaelic.

As well as the Fèis itself, events will be organised in the communities where the residents of the island will be able to listen to the tutors and be able to have a wee song and dance themselves. Music sessions will be held at night where anyone will be welcome to come along.

The week will come to an end with the children’s concerts on Friday afternoon and evening, where the children will be performing in front of their parents on stage.

More information will be available from Peigi MacLennan on peigi@ancomunn.co.uk or 01851 703 487.

Main Feis Reg Form FEAF 16 Teen Feis Reg Form 2016

Details

Start:
July 25, 2016 @ 10:00 am
End:
July 29, 2016 @ 10:00 pm
Event Categories:
,

Venue

Stornaway
Isle of Lewis, United Kingdom + Google Map
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council