Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Fèis Tìr an Eòrna

June 27, 2016 @ 10:00 am - July 1, 2016 @ 5:00 pm

Air a’ chiad seachdain dha saor-làithean na sgoile thèid Fèis Tìr an Eòrna a chumail ann an sgoil Phaibil ann an Uibhist a Tuath, far am faigh na compàirtichean cothrom air iomadh diofar ionnstramaid, dràma, seinn agus iomain a dhèanamh. Fo stiùir luchd-teagaisg beòthail agus dìcheallach, thèid clasaichean ann an ealain agus an tabhann cuideachd, far am bi na toraidhean air an sealltainn aig consairt na cloinne Dihaoine.

Thèid cèilidh a chumail air oidhche ’Chiadain ann am Marquee Shollais a bhios an-còmhnaidh soirbheachail dha-rìreabh, far an tèid tàlant an luchd-teagaisg a thaisbeanadh air beulaibh a’ choimhearsnachd, a’ toirt cothrom dhaibh beagan fealla-dhà a bhith aca. Thèid geama iomain a chumail an-dèidh na Fèise Diardaoin – saoil an e a’ chlann no an luchd-teagaisg a nì a’ chùis am bliadhna? Aig leth uair an-dèidh còig air feasgar Dihaoine thig cùisean gu crìoch leis a’ chonsairt, far an seall a’ chlann dhan h-uile duine na tha iad air a bhith ag ionnsachadh aig an Fhèis.

Airson fiosrachadh, cuiribh fios gu Anne NicChoinnich (àireamh & post-d aig taobh na duilleige).

Fèis Tìr an Eòrna will take place this year between 27th June – 1st July at Bayhead Primary School, North Uist. Participants will get the chance to learn new musical skills, drama, singing and shinty under very enthusiastic tuition, and and art classes will also be offered, the results of which will be displayed at the final concert.

A tutors’ cèilidh will held midweek in the marquee which, as usual, is hoped to be a brilliant night. A shinty game will played between pupils and tutors in the afternoon on Thursday – who will win this year? The final children’s concert will take place at the end of the week on Friday.

For more information please contact Anne MacKenzie using the details at the side of the page.

Details

Start:
June 27, 2016 @ 10:00 am
End:
July 1, 2016 @ 5:00 pm
Event Categories:
,

Venue

North Uist
North Uist, United Kingdom + Google Map
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council