Fèis Bhlas
5 An t-Sultain - 15 An t-Sultain 2008
S e fèis a th' ann am Blas, air a dealbhadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhonn ri Fèisean nan Gàidheal agus PAN. An seo, tha am facal Blas a' ciallachadh blasad beag no beagan eòlais air ceòl Gàidhealach.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cunnradh a dhèanamh ri Fèisean nan Gàidheal airson obrachadh còmhla ri Fèisean ionadail, buill PAN agus buidhnean eile, gus an fhèis beòthail seo a thoirt gu buil airson na Gaidhealtachd.
S e ar n-amas a bhith a' co-obrachadh gu dlùth le gach neach a tha airson com-pàirteachadh anns an fhèis agus tha sinn an dòchas gun soirbheachadh leatha, agus gum bi i a fàs bho bhliadhna gu bliadhna gu bhith na pàirt cudromach de Highland 2007.
