Fèis a’ Bhaile

Fad còig air fhichead bliadhna, tha Fèis a’ Bhaile air a bhith a’ ruith ann an Inbhir Nis agus a’ cur bùthan-obrach ciùil is cultairail air dòigh do chloinn is daoine òga aois 8-18.  Thathar a’ toirt chothroman an dà chuid do luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh nas adhartaiche gus na sgilean aca a thoirt air adhart ann an suidheachadh càirdeil agus neo-fhoirmeil.

Am prìomh fhèis

Thèid am prìomh fhèis a chumail 16-20 Damhair 2017 aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilin, Inbhir Nis.

Clasaichean leantainneach

Tha clasaichean dràma is ciuil aig an fhèis gach seachdain tro theirm na sgoile ann an Inbhir Nis. Bheiribh sùil air ar duilleag Facebook airson an fhiosrachadh as ùra- https://www.facebook.com/feisinbhirnis

Ionnstramaidean air màl

Tha stòras ionnsramaid aig an fhèis. Nam bu thoil leibh ionnsramaid a thoirt air màl, nach cuir sibh fios thugainn.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council