Fèis an Earraich

Bidh Fèis an Earraich ga chumail ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Àrd-sgoil a’ Phluic air diofar bhliadhnaichean tro shaor làithean na Càisge. Thèid taghadh farsaing de chuspairean an tabhann co-cheangailte ri ceòl, cànan agus cultair nan Gàidheal agus thèid cuid de na clasaichean ri fhaotainn tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh taghadh sònraichte ann do dheugairean.

Bidh Cèilear bho Fèis an Earraich a’ gabhail pàirt ann an Cèilidhean air Chuairt a-rithist ach ann am compàirteachas le Cèilidh air Chuairt nan Eilean Siar am bliadhna, a’ siubhal gu diofar àiteachan anns an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar a’ cur consairtean air dòigh thairis air trì seachdainean as t-samhradh.

Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun Fhèis no mu Chèilidhean air Chuairt cuiribh fios gu Kirsteen Ghreumach air a’ phost-d aig taobh na duilleige.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council