Fèis Bharraigh

Thèid Fèis Bharraigh a chumail bho 10 – 14 Iuchar am bliadhna, far am faigh a’ chlann air ceithir diofar chuspair a thaghadh, a’ toirt eòlas farsaing dhaibh air cuspairean agus ionnstramaidean a bhuineas do chultar na Gàidhlig. Air Dimàirt thèid dannsa na cloinne a chumail san sgoil le ceòl bhon an luchd-teagaisg, a bheir an cothrom dhan a’ chlann beagan a bharrachd eòlais fhaighinn air a’ chèile.

Thèid cèilidh luchd-teagaisg a chumail meadhan na seachdain agus bidh oidhche pìobaireachd aca ann an ceann a tuath Bharraigh.

Bidh clasaichean a’ dol fad na bliadhna ann an iomadach diofar ionnstramaid.

Airson fiosrachadh mu dheidhinn Fèis Bharraigh cuiribh fios gu Mairi Anna NicFhearghais air feisbharraigh@gmail.com no 01871 810 624.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council