Fèis Eilean na Hearadh

Bidh Fèis Eilean na Hearadh a’ comharrachadh 25 bliadhna eadar 3 – 7 Iuchar ann an Sgoil Sir E Scott san Tairbeart. Thèid sàr-oideachadh ann an iomadh ionnstramaid a thabhann a bharrachd air seinn agus a’ cruthachadh leis a’ Chlò Hearaich. Airson na deugairean a bhios aig Fhèis, thèid clas sònraichte a ruith far am faigh iad air a dhol a-mach air taobh a-muigh crìochan na sgoile a’ sreap bheanntan, a’ dol a-mach air kayak air an loch agus a’ falbh air baidhseagal tron Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh. Gheibh iad cuideachd air fiolm a stiùireadh agus a chlàradh fo stiùir Dhòl Eoin MacFhionghain.

Chaidh mìltean a thogail tro iomairt air-loidhne an-dèidh dhan fhèis ionnstramaidean, stuthan ealain agus uidheamachd iomain a chall ann an teine factaraidh Scalpaigh. Bidh an comataidh gu bràth taingeil airson seo. Thèid consairt sonraichte a chumail tron t-seachdain far am bi luchd-teagaisg a bha ‘s a tha aig an fhèis a’ cluich agus a’ seinn.

Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn Fèis Eilean na Hearadh, cuiribh fios gu DI Macillinnein air dimaclennan@hotmail.co.uk.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council