Fèis Inbhir Narainn

‘S e buidheann charthannais a th’ ann am Fèis Inbhir Narainn (FIN) is i stèidhichte anns a’ choimhearsnachd  a’ brosnachadh ceòl agus òrain thraidiseanta na h-Alba le bhith a’ tabhann àrd-ìre de theagasg do chloinn bho ochd bliadhna a dh’ aois agus do dh’ inbhich.

Tha FIN a’ cumail an dà chuid chlasaichean leantainneach tro theirm na sgoile agus Prìomh fhèis anns a’ Ghearran gach bliadhna.

Prìomh fhèis

Disathairne 3 dhen Mhàrt 2018 ann an Inbhir Narainn.

Clasaichean leantainneach

Tha an fhèis toilichte taghadh farsaing de chlasaichean a thairgse do chloinn agus do dh’ inbhich gach seachdain tro theirm na sgoile anns na cuspairean a leanas:

Bogsa-ciùil:                       Diluain
Feadan:                             Diardaoin
Fidheall do chloinn:         Diluain
Fidheall do dh’ inbhich:  Diciadain
Fìdeag:                              Diciadain
Giotàr:                              Diciadain
Meur-chlàr:                      Diciadain

Tha clasaichean ann do gach ìre comais. Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho Rhona air an fhiosrachadh shìos.

Cuiribh fios gu

Rhona 01667 462 681

feisinbhirnarainn@feisean.org.

Gheibhear lorg air FIN air Facebook, Twitter agus air an làrach-lìn

Fèis Inbhir Narainn

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council