Fèis Lochabair

Thèid Fèis Lochabair 2017 a chumail eadar 31 Iuchar – 4 Lunasdal ann am Bun Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, nuair a bhios iad a’ comharrachadh 25 bliadhna on a chaidh a’ chiad fhèis a chumail. Tha an fhèis seo airson cothrom a thoirt do chloinn blasad fhaighinn air ceòl is òrain traidiseanta. A’ bharrachd air sin, tha Fèis Lochabair a’ ruith clasaichean tron bhliadhna far am faigh òigridh cothroman na sgillean ciùil aca a leasachadh.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council