Fèis na h-Òige

Chaidh Fèis na h-Òige a stèidheachadh ann an 1992 gus cothrom a thoirt do dh’ òigridh na Gàidhlig sgilean ionnsachadh agus a leasachadh ann an ceòl traidiseanta, seinn, dannsadh agus ealain. Faodaidh clann le Gàidhlig eadar 8 agus 18 a dhol ann. Tha Fèis Bheag ann cuideachd do chloinn bhun-sgoile eadar 5 is 7 bliadhna a dh’ aois.

Mas e gu bheil sibh a’ smaoineachadh gum faodadh taic a bharrachd a bhith a dhìth air a’ phàiste agaibh, no gum bu mhath leibh bruidhinn rinn mu fheumalachdan sònraichte sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann, bhiodh e na chuideachadh nan innseadh sibh dhuinn ro làimhe. Cuiribh fòn gu Kirsteen Russell air 07846 761731 gus an tèid againn an fhèis a dhèanamh cho math ‘s a ghabhas dhan a h-uile pàiste.

Tachartasan air fàire 

Tha sinn air dòigh gun tèid ar prìomh fhèis a chumail 3-7th Iuchar 2017 aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI) An sin, bidh roghainn fad is farsaing do dh’ òigridh do gach aois:

  • Fèis Bheag (aois 5-8)
  • Fèis Mhòr (aois 8-12)
  • Fèis nan Deugairean (aois 12-18) Theid cùrsa nam meadhanan, air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig  a thabhainn, a bharrachd air seiseanan Dràma, Ealain & Ceàird, Seinn & Obair-chòmhlain.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus foirmean iarrtais bho Kirsteen Russell air 07846 761731 no cuiribh post-d gu feisnahoige@feisean.org . Tha sinn cuideachd air Facebook.

Bidh sinn cuideachd a’ tabhainn bhùthan-obrach Dhisathairne tron bhliadhna sgoile do dhaoine òga aois 5-18 ann an farsaing do dh’ ionnsramaidean. Thèid na h-ath bhùthan-obrach a chumail eadar 2-4f aig BSGI air na làithean a leanas:

  • 16mh Sultain
  • 28mh Damhair
  • 18mh Samhain
  • 16mh Dùbhlachd

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council