Fèis nan Garbh Chrìochan

Thèid Fèis nan Garbh Chrìochan a chumail eadar an 17-21 Iuchar 2017 ann am Bun Sgoil Ath-Tharracail. Bidh Fèis Bheag aca agus taghadh farsaing de chuspairean do chloinn eadar 8-18 bliadhna a dh’ aois. Nam measg bidh bogsa, fìdheall, giotàr, meur-chlàr, pìob/feadan, seinn, clàrsach is fìdeag.

Tha Fèis nan Garbh Chrìochan cuideachd a’ ruith clasaichean seachdaineach tron bhliadhna le taghadh farsaing de chuspairean.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council