Fèis Ghàidhlig Ghlaschu

Às dèidh EGM soirbheachail sa Ghiblean far an deach comataidh ùr a stèidheachadh, chaidh Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a cumail airson a’ chiad turas ann an trì bliadhna, nuair a chaidh fèis trì latha a lìbhrigeadh eadar an 26-28 Cèitean ann an Bun Sgoil Ghleann Dail. B’ e fèis air leth a bh’ ann, le tachartasan sònraichte do chloinn aig aois ro-sgoile, clasaichean ciùil do bhun-sgoilearan, clasaichean seinn dha inbhich, le oideachadh bho sàr-seinneadairean: Kathleen NicAonghais, Mairi NicAonghais agus Anna Latharna NicGillìosa, agus cafaidh Ghàidhlig cuideachd – a chaidh a ruith le Comann nam Pàrant.

Tha comataidh Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a-nis ag obair cruaidh gus prògram ciùil a stèidheachadh ann an Glaschu.

Thèid an ath fhèis a cumail eadar an 9-13 Giblean 2018.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council