Fèis Òigridh Ìle is Dhiùra

Chaidh Fèis Òigridh Ìle is Dhiùra a cumail eadar 15-16 Gearran 2017 aig Àrd-Sgoil Ìle.

Bha taghadh farsaing de chuspairean ri fhaighinn airson clann eadar 8-18 bliadhna a dh’ aois. Nam measg bogsa, fìdheall, giotàr, meur-chlàr, pìob/feadan, seinn is fìdeag.

Tha an fhèis cuideachd a’ ruith clasaichean seachdaineach tron bhliadhna le taghadh farsaing de chuspairean.

Tha iad a-nis ag ullachadh airson an ath fhèis aca a thèid a cumail anns a’ Ghearran 2018.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council