Fèis Rois Òigridh

‘S ann air a’ chiad seachdain de saor-làithean na Càisge a bhios Fèis Rois Òigridh a h-uile bliadhna, ann an Ulapul.

Cuiridh sinn fàilte mhòr air luchd-tòiseachaidh aig a h-uile tachartas againn, agus gheibh an fheadhainn aig a bheil comas cluich no seinn mu thràth eòlas is tlachd às cuideachd.  Tha sinn ag amas air a h-uile ìre de chomas a fhrithealadh, suas don fheadhainn a tha nan neach-ciùil is nan seinneadairean ealanta.  Chan fheum sgilean leughadh-ciùil no eòlas sam bith air ceòl traidiseanta a bhith agad gus tlachd fhaighinn à Fèis.  Tha na bùithtean-obrach gan teagasg tro èisteachd agus ionnsaichidh na compàirtichean puirt agus òrain mean air mhean.  Bheir an luchd-teagaisg ceòl sgrìobhte airson a thoirt dhachaigh leat.

Tha tachartasan Fèis Rois spòrsail, càirdeil.  Bidh iad buannachdail dhuibh le sgilean cluiche, le do mhisneachd adhartachadh agus ionnsachaidh tu barrachd mu Ghàidhlig agus mu chultar nan Gàidheal.

Tha a h-uile neach-teagaisg againn nan eòlaichean proifeiseanta aig a bheil sgilean airson obair le daoine òga. Tha liosta againn de luchd-aire agus saor-thoilich a tha gar cuideachadh tachartasan a thoirt seachad gu soirbheachail.  Tha ar n-aire air a’ chloinn fad an t-siubhail agus tha sinn ag obair a rèir Stiùiridhean Dìon Cloinne is  Slàinte agus Sàbhailteachd.  Tha teisteanas PVG aig ar luchd-obrach agus na saor-thoilich gu lèir.

Tha seo na chothrom sgoinneil do dhaoine òga bho P5-S1 a thoirt cruinn còmhla agus ag ionnsachadh sgilean ann an ceòl traidiseanta, òrain, dannsa, dràma agus Gàidhlig. Tha an tachartas seo ga chumail rè làithean-saora na Càisg agus tha àiteachan gu leòr againn airson mu 150 còmpairtiche.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council