Fèis Thròndairnis

Ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich ann an Stafainn, thèid Fèis Thròndairnis a chumail eadar 24 – 28 Iuchar. Fo stiùir oidean cliùiteach, gheibh clann air ionnstramaidean ùr fheuchainn a bharrachd air seinn Gàidhlig agus dràma. Gheibh a’ chlann eòlas air a bhith ag obair còmhla mar bhuidheann, le dreach eadar-dhealaichte agus ùr air gach fonn.

Thèid cèilidh luchd-teagaisg a chumail tron t-seachdain cuideachd far am bi fàilte ron h-uile duine a bhith an làthair gus sgilean an fheadhainn a tha a’ teagaisg a’ chloinn fhaicinn.

Airson fiosrachadh mu dheidhinn Fèis Thròndairnis cuiribh fios gu Christine NicNeacail a’ cleachdadh an fhiosrachaidh aig taobh na duilleige.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council