Fèis Tìr an Eòrna

Thèid Fèis Tìr an Eòrna a chumail ann an sgoil ùr Uibhist a Tuath eadar 3 – 7 Iuchar am bliadhna. Airson a’ chiad turas, bidh iad a’ tabhann Fèis Bheag do chloinn a tha aon bhliadhna fo aois sgoile agus clas 1 agus 2. 

Thèid clasaichean ann an iomadach ionnstramaid a lìbhrigeadh a bharrachd air seinn Gàidhlig, dràma, ealain agus dannsa Gàidhealach.

Airson fiosrachadh, cuiribh fios gu Anne NicChoinnich (àireamh & post-d aig taobh na duilleige).

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council