Fèis Tìr a’ Mhurain

Thèid Fèis Tìr a’ Mhurain a chumail ann an Sgoil Dhalabroig an Uibhist a Deas bho 10 – 14 Iuchar. Bidh iomadh diofar ionnstramaid ri ionnsachadh aig an Fhèis, nam measg Bocsa-ciùil, Clàrsach, Drumaichean, Feadan, Fidheall agus Fìdeag. A bharrachd air an seo thèid seinn Gàidhlig, ealain, dràma, iomain, dannsa Gàidhealach agus sgilean meadhanan an tabhann do chuid, agus thèid a h-uile càil a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Bithibh mothachail gu bheil e riatanach gu bheil comas aig do phàiste Gàidhlig a leantainn ann an clas.

Mar as àbhaist, aig toiseach na seachdain thèid Rèis na Fèis a chumail ann an Staoinebrig. Thèid seisean ciùil a chumail ann an taigh-òsta Loch Baghasdail cuideachd agus bidh cèilidh luchd-teagaisg ann meadhan na seachdain cuideachd.

Bidh clasaichean seinn agus feadan a’ ruith gach Diardaoin fo stiùir Chloe Steele – airson àite a ghlèidheadh cuiribh fios gu Chloe air classfeis@gmail.com

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Ceiteag NicDhomhnaill a’ cleachdadh an fhiosrachaidh aig taobh na duilleige, no thèidibh gu www.ceol-uibhist.co.uk

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council