Fèis an Iar Thuath

‘S ann an Sgobhairigh a tha Fèis an Iar Thuath stèidhichte, coimhearsnachd bheag faisg air a’ Pharbh air Iar Thuath Chataibh.

’S ann anns a’ Ghearran a thèid an fhèis seo a chumail agus thathar ga chumail gach bliadhna thairis air dà latha tro shaor-làithean nan sgoiltean. Bithear a’ tairgse measgachaidh de chlasaichean ciùil, ealain, dràma is clasaichean Gàidhlig agus Fèis Bheag aca cuideachd dhan fheadhainn fo ochd bliadhna a dh’ aois.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council