Fèis na h-Òige

Tha Fèis na h-Òige stèidhichte an Inbhir Nis is iad a’ cur air dòigh tachartasan anns na h-ealain traidiseanta tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh an fhèis a stèidheachadh ann an 1992 gus cothrom a thoirt do dh’ òigridh na Gàidhlig sgilean ionnsachadh agus a leasachadh ann an ceòl traidiseanta, seinn, dannsa agus ealain. Faodaidh clann le Gàidhlig eadar 8 agus 18 a dhol ann. Tha Fèis Bheag ann cuideachd do chloinn bun-sgoile eadar 5 is 7 bliadhna a dh’ aois.

Fèis na h-Òige runs Gaelic medium arts activities in Inverness for young people. The group began in 1992 to give Gaelic speaking children the opportunity to learn and develop skills in traditional music, song, dance and art. The Fèis is open to Gaelic speakers between the ages of 8 and 18, and there is also a Fèis Bheag (‘Wee Fèis’) for primary school children aged 5 to 7.

 

Tachartasan air fàire

 

Prìomh fhèis

2 – 6 Iuchar, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

‘S ann air a’ chiad seachdain de shaor-làithean an t-samhraidh a chumar an tachartas seo a bheir seachad 5 latha de bhùthan-obrach ann an ceòl traidiseanta, ealain, iomain agus dràma, le Fèis Bheag dha cloinn aois 5 gu 7 bliadhna.

Fèis na h-Òige

Bùthan-obrach

Tha sinn a’ tabhann measgachadh de bhùthan-obrach tro bhliadhna na sgoile ann an iomadach cuspair, le Fèis Bheag dha cloinn aois 5 gu 7 bliadhna.

‘Seinn’

Tha ‘Seinn’ a’ coinneachadh gach seachdain gus òrain Ghàidhlig ionnsachadh agus a ghabhail còmhla.  An-dràsta tha Seinn làn ach nam bu thoil leibh ùidh a chlàradh nach cuir sibh post-d thugainn air feisnahoige@feisean.org.

 

Upcoming events

 

Main Fèis

2 – 6 July 2018, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis 

Our Main Fèis takes place annually in Inverness in the first week of the summer holidays and offers 5 days of music, art, shinty and drama workshops for young people aged 8 to 18 and a Fèis Bheag for ages 5 to 7.

Workshops

We run a variety of workshops throughout the school year offering a mixture of instruments and Fèis Bheag activities, usually during the first Saturday of every month.

Seinn

‘Seinn’ is a Gaelic singing group for primary school aged children which meets weekly during school term.  Seinn is currently full but if you’d like to register your interest for future availability please email us at feisnahoige@feisean.org.

 


 

Tha Fèis na h-Òige a’ cur fàilte air cloinn le feumlachdan ionnsachaidh. Nam biodh taic a bharrachd a dhìth air a’ phàiste agaibh, no nam bu mhath leibh bruidhinn rinn mu thaic shònraichte sam bith a dh’fhaodadh a bhith buannachdail, nach cuir sibh fòn gu Kirsteen Russell air 07846 761731 airson còmhradh is comhairle.

Fèis na h-Òige welcomes children with additional learning needs. If you feel your child requires additional support or you would like to discuss any special arrangements which may be beneficial, please phone Kirsteen Russell on 07846 761731 for a confidential discussion.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council