Gàidhlig Dhuinn Uile

Tha cothrom ann do chompàirtichean aig na Fèisean beagan Gàidhlig ionnsachadh agus a chur gu feum ann dòigh spòrsail ‘s tarraingeach le geamaichean agus cur-seachadan eadar-obrachail.

Tro na cur-seachadan seo, gheibh compàirtichean aig nach eil eòlas air a’ chànain agus luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-meadhanach cothrom roghainn de dh’ fhaclan ‘s abairtean Gàidhlig ionnsachadh.   Thèid fileantaich a shòlarachadh cuideachd le geamannan agus cur-seachadan a tha gam brosnachadh gu bhith cleachdadh na Gàidhlig gu misneachail ‘s gu cruthachail le na co-aoisean aca.

Cothroman trèanaidh 
Bheir Fèisean nan Gàidheal cothrom do bhuill chomataidh agus luchd-oide seiseanan trèanaidh a dhèanamh ma tha ùidh aca ann a bhith lìbhreagadh na geamaichean seo.

Nam biodh trèanadh mar seo feumail airson comataidh d’ Fhèise no ma tha thu nad oidiche aig aig am biodh ùidh pàirt a ghabhail ann an seisean trèanaidh, gabhaidh clàradh a dhèanamh le bhith cur fios gu Àrd Oifigear Leasachaidh Nicola Simpson aig oifis Fèisean nan Gàidheal ann an Inbhir Nis le post-d aig nicola@feisean.org no 01463 225 559.

Seo agaibh eiseimpleir den dòigh ‘s a thathar a lìbhreagadh Gàidhlig ann an clàr-ama na Fèise aig Fèis Lochabair:

Sùil air cleachdadh na Gàidhlig aig Fèis Lochabair

Tha Gàidhlig mar chuspair air a bhith mar phàirt de chlàr-ama Fhèis Lochabair bho thòisich an iomairt, agus ann an 2011 agus 2012 bha Dougie Beck an sàs ann a bhith a’ co-òrdanachadh ‘s a’ lìbhrigeadh na seiseanan spòrsail seo aig an Fhèis.

Tha na seiseanan Gàidhlig aig Fèis Lochabair mu 35 mionaid a dh’fhaid agus bidh a h-uile com-pàirtiche a’ gabhail pàirt annta.  Aig toiseach na seachdain bidh na com-pàirtichean, as trice, air an roinn a rèir aois agus ìre de Ghàidhlig, a’ ciallachadh gum bi 6 no 7 buidhnean ann: luchd-tòiseachaidh òga is nas sine, eadar-mheadhanaich (iadsan a tha air beagan Gàidhlig a dhènamh mar-thà) òga is nas sine, agus fileantaich òga is nas sine. Bidh diofar thachartasan ann do na diofar ìrean.

Ged as e Dougie a bha a’ stiùireadh na seisean Gàidhlig aig an Fhèis, bha a h-uile neach-teagaisg eile an sàs anns na clasaichean. ‘S iad an luchd-teagaisg fileanta a bha os cionn nan clasaichean, is bha an còrr den luchd-teagaisg ann còmhla riutha mar luchd-taice.

Bha a’ chlann an sàs ann an tachartasan diofraichte gach latha, agus air an latha mu dheireadh ghabh a h-uile duine pàirt ann am farpais-cheist, a leig leis an luchd-teagaisg dearbhadh gun robh iad air rudeigin ionnsachadh!

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council