Taic Chruthachail airson Foghlaim

‘S urrainn do Fhèisean nan Gàidheal taic chruthachail a thabhann do sgoiltean agus buidhnean-coimhearnachd gus iomadach seòrsa pròiseact dhràma a leasachadh ‘s a lìbhreagadh a tha freagarrach do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.  Tha Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal a’ libhreagadh na seirbheis seo.

Film making
Bidh Fèisean nan Gàidheal gu cunbhallach a’ toirt taic do bhuidhnean sgoile ‘s buidhnean coimhearsnachd gus filmaichean goirid a riochdachadh airson FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid aig MG Alba.  
 Gabhaidh taic chruthachail a thabhann anns na raointean a leanas:

  • A’ leasachadh sgeulachd
  • A’ sgrìobhadh sgriobt
  • A’ filmadh
  • A’ gearradh

_________________________________________________________________________

Sgilean Dràma
‘S urrainn do Fhèisean nan Gàidheal bùthan-obrach ann an sgilean dràma a thabhann do bhun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig.  Ann an 2011/ 2012 dh’obraich Fèisean nan Gàidheal le bun-sgoiltean le roinnean Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach ‘s Loch Aillse agus sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar.  Bhathar a’ lìbhrigeadh a’ phròiseact gu cunbhalach tron bhliadhna agus fhuair na sgoilearan a ghabh pàirt eòlas air roghainn fharsaing de sgilean dràma tro shreath de bhùthan-obrach a bh’air an toirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig.

Sgoiltean an Eilein Sgitheanaich ‘s Loch Aillse

  • Bun-sgoil Phort Rìgh
  • Bun-sgoil Shlèite
  • Bun-sgoil an Ath Lethainn
  • Bun-sgoil Dhun Bheagain
  • Bun-sgoil a’ Phluic
  • Bun-sgoil Loch Carrann
  • Bun-sgoil Chille Mhoire
  • Bun-sgoil Stafainn

Sgoiltean nan Eilean Siar

  • Breasclete School
  • Sgoil an Rubha
  • Sgoil an Taobh Siar
  • Sgoil Lacasdail
  • Sgoil an t-Òib
  • Sgoil Sheileboist
  • Sgoil Bhail’ a’ Mhanaich
  • Sgoil Phaibil
  • Sgoil Chairinis

Eadar deireadh na Dàmhair agus toiseach an Dùbhlachd 2011 ghabh 206 sgoilear à trì sgoiltean an Uibhist a’ Tuath agus Beinn na Faoghla pàirt sa phròiseact.  ‘S iad Sgoil Cheann a’ Bhaigh, Sgoil Chairinis agus Sgoil Bhail’ a’ Mhanaich.  Anns a’ Ghiblean agus sa Chèitean fhuair bun-sgoiltean ann an Leòdhas ‘s na Hearadh cothrom pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact cuideachd ‘s iad Bun-sgoil Lacasdail, Sgoil an Rubha, Sgoil an Taobh Siar, Sgoil Bhreascleit, Sgoil an t-Òib agus Sgoil Sheileiboist le 126 sgoilear a’ gabhail pàirt uile gu lèir. Chòrd na bùthan-obrach ri na sgoilearan gu mòr.
___________________________________________________________________ 

Sgilean Dràma airson Rèidio
Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ lìbhreagadh bùthan-obrach ann an sgilean dràma airson rèidio.  Chaidh sreath de bhùthan-obrach stèidhte air sgilean dràma airson rèidio a lìbhreagadh le Fèisean nan Gàidheal ann an 2009/2010 a chruthaich 10 dealbhan-cluiche ùra ann an co-bhonn leis a’ BhBC a chaidh an uair sin a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal air a’ phrògram òigridh Aileag, a tha ri cluinntinn gach feagar Dihaoine aig 4f. agus air ath-chraoladh aig meadhan latha Disathairne.

Gabhaidh èisteachd ri na dealbhan-cluiche air-loidhne le bhith tadhal air an duilleag-lìn ‘Clips’aig Aileag.

Tha fios nas mionadaiche mu dheidhinn na sgoiltean a ghabh pàirt agus ceangalan chun na dealbhan-cluiche ach rim faicinn gu h-ìosal:

Dealbhan-cluiche Gàidhlig a chaidh a chraoladh ann an 2010

Anns a’ bhliadhna sgoile 2009-2010 dh’obraich Fèisean nan Gàidheal le sgoilearan Fèisean nan Gàidheal à Dùn Èideann, Eilean Leòdhais, na h-Uibhistean agus an t-Eilean Sgitheanach.

16 Iuchar 2010 – Bun-sgoil Chrois na Cìse, Dùn Èideann
23 Iuchar 2010 – Sgoil Phaibil, Uibhist a Tuath
6   Lùnastal 2010 – Àrd-sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais
13 Lùnastal 2010 – Bun-sgoil Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach
20 Lùnastal 2010 – Sgoil Bhail’ a’ Mhanaich, Beinn na Faoghla
27 Lùnastal 2010 – Sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais
3   Sultain 2010 – Sgoil Dhalabroig A, Uibhist a Deas
10 Sultain 2010 – Àrd-sgoil James Gillespies, Dùn Èideann
17 Sultain 2010 – Bun-sgoil Chille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
24 Sultain 2010 – Sgoil Dhalabroig B, Uibhist a Deas

Chithear dealbhan a chaidh a thogail tron phròiseict seo air a’ chunntas Flickr aig Fèisean nan Gàidheal:  Sgilean Dràma airson Rèidio 2009/ 2010 – Dealbhan

Dealbhan-cluiche Gàidhlig a chaidh a chraoladh ann an 2011

Ann an 2010-2011, dh’obraich Fèisean nan Gàidheal còmhla ri Ruairidh MacNeacail, a tha na oifigear dràma do Eden Court gus a’ phròiseact a’ lìbhreagadh ann an sgoiltean Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Nis agus Siorrachd Ròis.  Chaidh a’ phròiseact a’ lìbhreagadh ann an sgìre Earra-Ghàidheal, Loch Abar, Taobh Siar Rois agus Loch Aillse cuideachd.

3 Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Thunga – Cù air chall
3rd Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – An Dreallag
10th Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Loch Carrann – An Sìthiche Canadianach (Pàirt 1)
An Sìthiche Canadianach (Pàirt 2)
17 Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – An Tidsear Chrosta
24 Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis- Gangsters
1 Iuchar 2011 – Bun-sgoil Achadh na Creige, An t-Òban – Tha Tàlant aig an Òban
8 Iuchar 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Tubaist Plean
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Campachadh
23 Iuchar 2011 – Bun-sgoil a’ Phluic – Cupa na Cruinne-cè – Pàirt 1
Cupa na Cruinne-cè – Pàirt 2
5   Lùnastal 2011 – Bun-sgoil Chnoc na Creige, Baile Dhùbhthaich – Tranylvannia
12 Lùntastal 2011 -Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Daoimean
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Burraidhean
19 Lùnastal 2011 – Bun-sgoil a’ Bhogha Mhòir – MV Catastrophic – Pàirt 1
MV Catastrophic – Pàirt 2
26 Lùnastal 2011 – Bun-sgoil Chnoc na Creige – Taigh Tasgaidh
Bun-sgoil Dhrochaid a’ Bhanna – Turas Sgoile
2 Sultain 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain – Dealbh-cluich – Pàirt 1
Dealbh-cluich – Pàirt 2
9 Sultain 2011 – Bun-sgoil Gheàrrloch – Beathach nam Bròg – Pàirt 1
Beathach nam Bròg – Pàirt 2
16 Sultain 2011 – Bun-sgoil an t-Sàilein
23 Sultain 2011 – Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich, Dùn Omhainn – Pàirt 1
  Pàirt 2
30 Sultain 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain – Fainne a’ Bhanrigh

Chithear dealbhan a chaidh a thogail tron phròiseict seo air a’ chunntas Flickr aig Fèisean nan Gàidheal:  Sgilean Dràma airson Rèidio 2010/ 2011 – Dealbhan

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council